bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Mark 11
Mark 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
1
Agus nuair a thàinig iad am fagas do Ierusalem, gu Betphage agus Betani, aig Sliabh nan Crann‐ola, chuir e uaithe dithis de a dheisciobail.
2
Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e.
3
Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e.
4
Agus dh’imich iad, agus fhuair iad an searrach ceangailte a‑muigh aig an doras, aig coinneachadh dà shlighe; agus dh’fhuasgail iad e.
5
Agus thubhairt cuid dhiubhsan, a bha nan seasamh an sin, riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich?
6
Agus thubhairt iadsan riu mar a dh’àithn Iosa dhaibh: agus leig iad uapa iad.
7
Agus thug iad an searrach a‑chum Iosa, agus chuir iad am fallaingean air; agus shuidh esan air.
8
Agus sgaoil mòran am fallaingean fhèin air an t‑slighe: agus gheàrr cuid eile geugan de na craobhan, agus sgaoil iad air an t‑slighe iad.
9
Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna!
10
Is beannaichte rìoghachd ar n‑athar Daibhidh, a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna; Hosanna anns na h‑àrdan!
11
Agus chaidh Iosa a‑steach do Ierusalem, agus don teampall; agus nuair a dh’amhairc e air gach nì mun cuairt, agus a bha am feasgar a‑nis air teachd, chaidh e a‑mach gu Betani maille ris an dà‑fhear‐dheug.
12
Agus air an là màireach, nuair a chaidh iad a‑mach à Betani, dh’fhàs e acrach.
13
Agus air faicinn craoibh‐fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann.
14
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e.
15
Agus thàinig iad gu Ierusalem: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd‐malairt an airgid, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman;
16
Agus chan fhulaingeadh e gun giùlaineadh neach sam bith soitheach tron teampall.
17
Agus theagaisg e, ag ràdh riu, Nach eil e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh‐sa leis na h‑uile chinnich? Ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e.
18
Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd‐shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal‐san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg.
19
Agus nuair a bha am feasgar air teachd, chaidh e a‑mach as a’ bhaile.
20
Agus anns a’ mhadainn, a’ gabhail seachad dhaibh, chunnaic iad an crann‐fìge air crìonadh o a fhreumhan.
21
Agus air cuimhneachadh do Pheadar, thubhairt e ris, A Mhaighistir, feuch, tha a’ chraobh‐fhìge, a mhallaich thu, air crìonadh.
22
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Biodh creideamh Dhè agaibh.
23
Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha.
24
Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad.
25
Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
26
Ach mura maith sibhse, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
27
Agus thàinig iad a‑rìs gu Ierusalem: agus air dhàsan a bhith a’ spaisdearachd anns an teampall, thàinig da ionnsaigh na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean,
28
Agus thubhairt iad ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo a‑chum na nithean seo a dhèanamh?
29
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus freagraibh mi, agus innsidh mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.
30
An ann o nèamh no o dhaoine a thàinig baisteadh Eòin? Freagraibh mi.
31
Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh; their esan rinn, Carson mas eadh nach do chreid sibh e?
32
Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach.
33
Agus air freagairt dhaibh, thubhairt iad ri Iosa, Chan eil fhios againn. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16