bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Mark 16
Mark 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
1
Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.
2
Agus thàinig iad gu ro‑mhoch air madainn a’ chiad là den t‑seachdain a‑chum na h‑uaighe, aig èirigh na grèine.
3
Agus thubhairt iad eatorra fhèin, Cò a charaicheas dhuinn a’ chlach o dhoras na h‑uaighe?
4
Agus air dhaibh amharc, chunnaic iad gu robh a’ chlach air a h‑atharrachadh air falbh, oir bha i ro‑mhòr.
5
Agus air dhaibh dol a‑steach don àit‐adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra.
6
Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.
7
Ach imichibh, innsibh da dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a’ dol romhaibh do Ghalile: chì sibh an sin e, mar a thubhairt e ribh.
8
Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball‐chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra.
9
Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain.
10
Agus air imeachd dhise, dh’innis i sin dhaibhsan a bha maille ris, agus iad ri bròn agus gul.
11
Agus iadsan, nuair a chuala iad gu robh e beò, agus gum facadh leatha‐se e, cha do chreid iad.
12
Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich.
13
Agus dh’imich iadsan agus dh’innis iad e do chàch: agus cha mhò a chreid iad iadsan.
14
An dèidh sin nochdadh e don aon‐fhear‐deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas‐cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.
15
Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil.
16
Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e.
17
Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm‐sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha;
18
Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.
19
Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas‐làimh Dhè.
20
Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16