bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Philippians 3
Philippians 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
Os bàrr, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna. Gu deimhinn cha leisg leamsa na nithean ceudna a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, ach dhuibhse tha seo tèarainte.
2
Bithibh air ur faicill o mhadaidhean, bithibh air ur faicill o dhroch luchd‐obrach, coimheadaibh sibh fhèin on cho‐ghearradh.
3
Oir is sinne an timcheall‐ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil:
4
Ged dh’fhaodainn‐sa mar an ceudna muinghinn a bhith agam anns an fheòil. Ma shaoileas aon neach eile gum faod e muinghinn a chur anns an fheòil, is mò na sin a dh’fhaodas mise:
5
Air mo thimcheall‐ghearradh air an ochdamh là, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, am Eabhraidheach de na h‑Eabhraidhich; a rèir an lagha, am Pharasach;
6
A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur‐leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo‐choireach.
7
Ach na nithean a bha nam buannachd dhomh, mheas mi iad sin nan call airson Chrìosd.
8
Seadh gun amharas, agus tha mi a’ meas nan uile nithean nan call, airson ro‑òirdheirceas eòlas Iosa Crìosd mo Thighearna: airson an d’fhuiling mi call nan uile nithean, agus tha mi a’ meas gur aolach iad a‑chum gun cosnainn Crìosd.
9
Agus gum faighear annsan mi, gun m’fhìreantachd fhèin agam a tha on lagh, ach an fhìreantachd sin a tha tre chreideamh Chrìosd, an fhìreantachd a tha o Dhia tre chreideamh:
10
A‑chum eòlas a bhith agam airsan, agus air cumhachd a aiseirigh, agus air co‑chomann a fhualangais, air a bhith dhomh air mo chur ann an coslas crutha ra bhàs;
11
Dh’fheuchainn am faodainn air aon chor teachd a‑chum aiseirigh nam marbh.
12
Chan e gun do ràinig mi cheana, no gu bheil mi cheana foirfe, ach tha mi a’ leantainn, a dh’fheuchainn am faigh mi greim den nì sin fhèin airson an do ghabhadh greim dhìom le Iosa Crìosd.
13
A bhràithrean, chan eil mi a’ meas gun do ghlac mi greim: ach aon nì tha mi a’ dèanamh, air dhomh na nithean a tha air mo chùl a dhìochuimhneachadh, agus a bhith gam shìneadh fhèin a‑chum nan nithean a tha romham,
14
Tha mi a’ dian‐ruith a dh’ionnsaigh a’ chomharraidh, a‑chum duais àrd‐ghairm Dhè ann an Iosa Crìosd.
15
Uime sin, a mheud dhinne is a tha coileanta, biodh an inntinn seo againn: agus ma tha sibh ann an nì sam bith air atharrachadh inntinn, foillsichidh Dia an nì seo fhèin dhuibh.
16
Gidheadh, an nì air an do ràinig sinn cheana, gluaiseamaid a rèir aon riaghailt, bitheamaid a dh’aon inntinn.
17
A bhràithrean, bithibh‐se le chèile nur luchd‐leanmhainn ormsa, agus thugaibh an aire dhaibhsan a tha a’ gluasad air an dòigh sin mar a tha sinne nar n‑eisempleir agaibh.
18
(Oir tha mòran a’ gluasad, mun dubhairt mi gu minig ribh, agus mum bheil mi a‑nis eadhon a’ gul ag ràdh ribh, gur naimhdean iad do chrann‐ceusaidh Chrìosd:
19
Don deireadh a bhith air an sgrios, don dia am brù; agus aig a bheil an glòir nan nàire, aig a bheil an aire air nithean talmhaidh.)
20
Oir tha ar caitheamh‐beatha‐ne air nèamh, an t‑ionad as a bheil dùil againn fòs ris an t‑Slànaighear, an Tighearna Iosa Crìosd;
21
A chruth‐atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4