bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Philippians 4
Philippians 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
1
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach agus air a bheil mo dhèidh, m’aoibhneas agus mo chrùn, seasaibh mar seo gu daingeann anns an Tighearna, a mhuinntir mo ghràidh.
2
Tha mi a’ guidhe air Euodias, agus tha mi a’ guidhe air Sintiche, iad a bhith a dh’aon inntinn anns an Tighearna.
3
Agus tha mi ag iarraidh ortsa mar an ceudna, a chompanaich dhìleis, dèan còmhnadh ris na mnathan sin a rinn saothair maille riumsa anns an t‑soisgeul, maille ri Clemens, agus a’ chuid eile dem cho‐obraichean, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.
4
Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna a‑ghnàth: a‑rìs tha mi ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas.
5
Biodh ur measarrachd follaiseach do na h‑uile dhaoine. Tha an Tighearna am fagas.
6
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith‐buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.
7
Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
8
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion‐ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh‐bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.
9
Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh.
10
Ach rinn mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna do bhrìgh gun d’ath‐ùraicheadh a‑nis fa dheireadh ur cùram umamsa; nì mar an ceudna anns an robh sibh cùramach, ach cha robh cothrom agaibh.
11
Chan e gu bheil mi a’ labhairt a‑thaobh uireasbhaidh: oir dh’fhòghlaim mi, ge bè staid anns a bheil mi, a bhith toilichte.
12
Is aithne dhomh a bhith ìosal, agus is aithne dhomh mar an ceudna pailteas a mhealtainn: anns gach àit, agus anns na h‑uile nithean, theagaisgeadh mi, araon a bhith sàthach agus acrach, araon pailteas a shealbhachadh agus uireasbhaidh fhulang.
13
Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.
14
Gidheadh, is math a rinn sibh gun do cho‐phàirtich sibh rim thrioblaid.
15
Agus a‑nis biodh fhios agaibhse, Philipianacha, ann an toiseach an t‑soisgeil, nuair a dh’fhàg mi Macedònia, nach do roinn eaglais air bith riumsa, a‑thaobh tabhairt agus gabhail, ach sibhse a‑mhàin.
16
Oir eadhon ann an Tesalonìca chuir sibh aon uair agus a‑rìs am ionnsaigh leasachadh dom uireasbhaidh.
17
Chan e gu bheil mi ag iarraidh tabhartais: ach tha mi ag iarraidh toraidh a bhios pailt a‑chum ur cunntais‐se.
18
Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh‐chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.
19
Ach leasaichidh mo Dhia‐sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.
20
A‑nis do Dhia agus ar n‑Athair‐ne gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
21
Cuiribh fàilte air gach uile naomh ann an Iosa Crìosd. Tha na bràithrean a tha maille rium a’ cur fàilte oirbh.
22
Tha na naoimh uile a’ cur fàilte oirbh, gu h‑àraidh iadsan a tha de theaghlach Chèasair.
23
Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
All chapters:
1
2
3
4