bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Romans 14
Romans 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 15 →
1
Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich.
2
Oir tha aon a’ creidsinn gum faod e na h‑uile nithean ithe: ach tha esan a tha anfhann ag ithe luibhean.
3
Na dèanadh esan a tha ag ithe tàir airsan nach eil ag ithe; agus na tugadh esan nach eil ag ithe, breith air an tì a dh’itheas: oir ghabh Dia ris.
4
Cò thusa a tha a’ toirt breith air seirbhiseach duine eile? Da mhaighistir fhèin seasaidh, no tuitidh e: seadh, cumar suas e; oir is comasach Dia air a chumail na sheasamh.
5
Tha meas aig neach air là thar là: agus tha meas aig neach eile air gach là mar a chèile. Biodh làn‐dearbhadh aig gach duine na inntinn fhèin.
6
An tì aig a bheil suim den là, is ann don Tighearna a tha suim aige dheth; agus an tì aig nach eil suim den là, is ann don Tighearna nach eil suim aige dheth. An tì a tha ag ithe, is ann don Tighearna a tha e ag ithe, oir tha e a’ toirt buidheachais do Dhia; agus an tì nach eil ag ithe, is ann don Tighearna nach ith e, agus bheir e buidheachas do Dhia.
7
Oir chan eil a h‑aon againn beò dha fhèin, agus chan eil a h‑aon againn a’ bàsachadh dha fhèin.
8
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
9
Oir is ann a‑chum seo a fhuair Crìosd bàs, agus a dh’èirich e, agus a tha e beò a‑rìs, a‑chum gum biodh e na Thighearna air a’ bheò agus air a’ mharbh.
10
Ach carson a tha thusa a’ toirt breith air do bhràthair? No carson a tha thusa a’ dèanamh tarcais air do bhràthair? Oir seasaidh sinn gu lèir am fianais cathair‐bhreitheanais Chrìosd.
11
Oir tha e sgrìobhte, Mar as beò mise, tha an Tighearna ag ràdh, lùbaidh gach glùn dhòmhsa, agus aidichidh gach teanga do Dhia.
12
Air an adhbhar sin bheir gach aon againn cunntas uime fhèin do Dhia.
13
Uime sin na tugamaid breith air a chèile nas mò: ach gum b’fheàrr leibh a’ bhreith seo a thoirt, gun adhbhar tuiteim no oilbheim a thoirt do bhràthair.
14
Oir tha fhios agam, agus is dearbh leam anns an Tighearna Iosa, nach eil nì sam bith neòghlan dheth fhèin: ach don tì a mheasas nì sam bith neòghlan, dhàsan tha e neòghlan.
15
Ach ma bhios doilgheas air do bhràthair airson bìdh, a‑nis chan eil thu a’ gluasad a rèir a’ ghràidh. Na sgrios led bhiadh esan airson an d’fhuiling Crìosd bàs.
16
Air an adhbhar sin na labhrar olc mu ur math.
17
Oir cha bhiadh agus deoch rìoghachd Dhè, ach fìreantachd, agus sìth, agus aoibhneas anns an Spiorad Naomh.
18
Oir ge bè nì seirbhis do Chrìosd anns na nithean seo, tha e taitneach do Dhia, agus tha e dearbhte do dhaoine.
19
Uime sin leanamaid na nithean a bhios a‑chum sìthe agus na nithean a bhios a‑chum togail suas a chèile.
20
Na sgrios obair Dhè airson bìdh. Gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan; ach is olc don duine sin a dh’itheas le oilbheum.
21
Is math an nì gun fheòil ithe, no fìon òl, no nì air bith a dhèanamh leis am faigh do bhràthair tuisleadh no oilbheum, no leis an dèanar lag e.
22
A bheil creideamh agad? Biodh e agad dhut fhèin am fianais Dhè. Is beannaichte an duine sin nach dìt e fhèin anns an nì sin a mheasas e ceadaichte.
23
Ach esan a nì eadar‐dhealachadh tha e air a dhìteadh ma dh’itheas e, a chionn nach ann o chreideamh a tha e ag ithe: oir gach nì nach eil o chreideamh, is peacadh e.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16