bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Romans 4
Romans 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 5 →
1
Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair Abrahàm a rèir na feòla?
2
Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè.
3
Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd.
4
A‑nis don tì a nì obair chan ann mar ghean‐math a mheasar an tuarasdal, ach mar fhiachan.
5
Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd.
6
Amhail mar a tha Daibhidh a’ cur an cèill beannachadh an duine sin dom meas Dia fìreantachd as eugmhais obrach, ag ràdh,
7
Is beannaichte iadsan a fhuair maitheanas nan euceartan, agus aig a bheil am peacaidhean air am falach.
8
Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth.
9
A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall‐ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo‐thimcheall‐ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd.
10
Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall‐ghearradh, no anns an neo‐thimcheall‐ghearradh? Chan ann anns an timcheall‐ghearradh, ach anns an neo‐thimcheall‐ghearradh.
11
Agus fhuair e comharradh an timcheall‐ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo‐thimcheall‐ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo‐thimcheall‐ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
12
Agus na athair an timcheall‐ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall‐ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo‐thimcheall‐ghearradh.
13
Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh.
14
Oir ma tha iadsan a bhuineas don lagh nan oighreachan, tha creideamh air a dhèanamh dìomhain, agus an gealladh gun bhrìgh:
15
A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha.
16
Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair‐ne uile,
17
(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair‐san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:
18
Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd.
19
Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra:
20
Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia:
21
Agus bha làn‐chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.
22
Agus uime sin mheasadh seo dha mar fhìreantachd.
23
A‑nis cha b’ann air a shon‐san a‑mhàin a sgrìobhadh, gun do mheasadh seo dha;
24
Ach air ar son‐ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh,
25
A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16