bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Titus 1
Titus 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;
2
Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;
3
Ach dh’fhoillsich e a fhacal fhèin ann an àm iomchaidh tre shearmonachadh, a dh’earbadh riumsa, a rèir àithne Dhè ar Slànaighear;
4
A‑chum Thìtuis, mo dhearbh mhac fhèin a rèir a’ chreidimh choitchinn: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, ar Slànaighear.
5
Air a shon seo dh’fhàg mi thu ann an Crete, a‑chum gun cuireadh tu an òrdagh na nithean a dh’fhàgadh gun dèanamh, agus gun suidhicheadh tu seanairean anns gach baile, a rèir mar a dh’àithn mise dhut.
6
Ma tha neach sam bith neo‐lochdach, na fhear aon mhnà, aig a bheil a chlann creidmheach, nach eil fo mhì‐chliù a‑thaobh ana‑caitheimh, no eas‐umhail:
7
Oir is còir do easbaig a bhith neo‐choireach, mar stiùbhard Dhè, gun a bhith fèin‐thoileil, no feargach, no òlmhor, no tuasaideach, no cionail air buannachd shalaich;
8
Ach aoidheil, dèidheil air daoine matha, ciallach, cothromach, naomh, measarra;
9
A’ cumail an fhacail fhìor gu daingeann, a rèir teagaisg, a‑chum gum bi e comasach le teagasg fallain, araon earail a thabhairt, agus an dream a sheas na aghaidh a chur as am barail.
10
Oir tha mòran ann a tha mì‑riaghailteach, a labhras gu dìomhain, agus a tha nam mealltairean, gu h‑àraidh iadsan a tha den timcheall‐ghearradh:
11
Muinntir as còir am beul a dhruideadh, dream a tha a’ tionndadh thaighean iomlan bun‐os‑cionn, a’ teagasg nan nithean nach còir, air ghaol buannachd shalaich.
12
Thubhairt neach àraidh dhiubh fhèin, eadhon fàidh dhiubh fhèin, Is breugairean a‑ghnàth na Crètich, droch fhiadh‐bheathaichean, builg mhall.
13
Tha an fhianais seo fìor: air an adhbhar sin cronaich gu geur iad, a‑chum gum bi iad fallain anns a’ chreideamh;
14
Gun a bhith a’ toirt aire do fhaoin‐sgeulachdan Iùdhach, agus do àitheantan dhaoine, a thionndaidheas on fhìrinn.
15
Oir gu deimhinn tha na h‑uile nithean glan don dream a tha glan: ach dhaibhsan a tha salach, agus mì‑chreidmheach, chan eil aon nì glan; ach tha an inntinn agus an cogais fhèin air an salachadh.
16
Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas‐umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3