bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Titus 3
Titus 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
1
Cuir an cuimhne dhaibh a bhith umhail do uachdaranachdan agus do chumhachdan, freagarrach do luchd‐riaghlaidh, ullamh a‑chum gach uile dheagh obrach,
2
Gun olc a labhairt mu neach air bith, a bhith neo‐thuasaideach, mìn, a’ taisbeanadh an uile cheannsachd do na h‑uile dhaoine.
3
Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas‐umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana‑miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath‐thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.
4
Ach nuair a dh’fhoillsicheadh coibhneas agus gràdh Dhè ar Slànaighear do dhaoine,
5
Chan ann o obraichean fìreantachd a rinn sinne, ach a rèir a thròcair fhèin shaor e sinn, tre ionnlad na h‑ath‐ghineamhainn, agus ath‐nuadhachadh an Spioraid Naoimh;
6
A dhòirt e oirnn gu saoibhir, tre Iosa Crìosd ar Slànaighear;
7
A‑chum air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre a ghràs, gum bitheamaid air ar dèanamh nar n‑oighreachan a rèir dòchas na beatha maireannaich.
8
Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh‐chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.
9
Ach seachainn ceistean amaideach, agus sloinnteireachd, agus connspaidean, agus connsachadh mun lagh; oir tha iad gun tairbhe agus dìomhain.
10
Duine a tha na shaobh‐chreidmheach, an dèidh na ciad agus na dara comhairle, diùlt:
11
Air do fhios a bhith agad gu bheil a leithid sin de dhuine air a chur bun‐os‑cionn, agus gu bheil e a’ peacachadh, air dha a bhith air fhèin‐dhìteadh.
12
Nuair a chuireas mi Artèmas ad ionnsaigh, no Tichicus, dèan dìcheall air teachd am ionnsaigh gu Nicopolis: oir is ann an sin a chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh.
13
Thoir Senas am fear‐lagha agus Apollos air an aghaidh anns an t‑slighe gu dùrachdach, a‑chum nach bi nì air bith a dh’uireasbhaidh orra.
14
Agus fòghlamadh ar muinntir‐ne mar an ceudna deagh obraichean a dhèanamh gu dùrachdach fa chomhair ghnàthachadh feumail, a‑chum nach bi iad neo‐thairbheach.
15
Tha an dream a tha maille rium uile a’ cur fàilte ort. Cuir fàilte orrasan len ionmhainn sinn anns a’ chreideamh. Gràs maille ribh uile. Amen.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
All chapters:
1
2
3