bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Timothy 1
1 Timothy 1
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
1
Pòl, abstol Chrìosd Ìosa, a rèir òrdugh Dhè ar Slànaigheir agus Crìosd Ìosa ar dòchas,
2
Gu Timòteus, fìor leanabh tro chreideamh: Gràs, tròcair is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Tighearna.
3
Dìreach mar a ghuidh mi ort fuireach ann an Ephesus, fhad 's a bha mi dol a‑steach do Mhacedònia, gum biodh tu ag àithne do chuid gun a bhith a' toirt seachad teagasg eadar‑dhealaichte.
4
No a bhith a' toirt aire do dh'fhaoin‑sgeòil is sinnsearachd gun chrìoch, a tha ag adhbhrachadh connspaid gun fheum, an àite obair stiùbhardachd teaghlach Dhè tro chreideamh.
5
Ach 's e amas na h‑àithne: gràdh à cridhe glan agus deagh chogais agus creideamh gun chealg,
6
on a tha cuid air a dhol air seachran 's air tionndadh a thaobh gu briathran falamh,
7
ag iarraidh a bhith nan luchd‑teagaisg an lagha, aig nach eil tuigse, chan ann a‑mhàin air na rudan air a bheil iad a' bruidhinn, ach cuideachd air na rudan a tha iad ag aithris le uiread de chinnt.
8
Ach tha fios againne gu bheil an lagh math, ma chleachdas neach sam bith e gu laghail.
9
Le fios air a seo, tha an lagh ann am bith, chan ann airson an neach fhìreanta, ach eadhon air an son‑san a tha mì‑riaghailteach, mì‑dhiadhaidh agus peacach, mì‑naomh agus eas‑creidmheach, luchd marbhaidh athraichean is mhàthraichean, murtairean,
10
luchd‑strìopachais, fir a tha ri feise, luchd‑malairt‑thràillean, breugairean, luchd‑mionnan‑bhreugach, agus ma tha rud sam bith eile ann a tha a' cur an aghaidh teagaisg a tha fallain,
11
a rèir soisgeul glòire an Dè bheannaichte, a chaidh earbsadh riumsa.
12
Tha taingealachd agam dhàsan a neartaich mi, Crìosd Ìosa ar Tighearna, air sgàth gun do mheas e mi dìleas, gam chur na sheirbheis.
13
Bha mise roimhe toibheumach agus nam gheur‑leanmhainniche agus nam dhuine stràiceil, ach fhuair mi tròcair, oir nam aineolas rinn mi e ann an eas‑creideamh.
14
Agus bha gràs ar Tighearna tuilleadh 's a' cur thairis, còmhla ri creideamh agus gràdh, ann an Crìosd Ìosa.
15
Tha am facal seo dìleas agus airidh air gabhail ris anns a h‑uile dòigh, gun tàinig Crìosd Ìosa dhan t‑saoghal gus peacaich a shàbhaladh, 's mise am prìomh fhear dhiubh.
16
Air an adhbhar seo fhuair mise tròcair, gus am foillsicheadh Crìosd Ìosa fhad‑fhoighidinn uile — annamsa, am prìomh fhear — mar eisimpleir dhan fheadhainn a bha gus creidsinn annsan, airson na beatha sìorraidh.
17
A‑nis, do Rìgh nan linntean, neo‑bhàsmhor, neo‑fhaicsinneach, an t‑aon Dia, gu robh urram agus glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
18
An t‑òrdugh seo tha mi ag earbsadh riutsa, a Thimòteuis, a mhic, a rèir nam fàidheadaireachdan a chaidh an dèanamh mud dheidhinn‑sa roimhe, gus an cath thu tromhpa an deagh chath.
19
A' gleidheadh creideimh is deagh chogais; a tha cuid, às dèidh dhaibh an cur uapa, air long‑bhriseadh a dhèanamh a thaobh an creideimh,
20
dhem bheil Himenèaus agus Alecsander — a thug mi thairis do Shàtan, gus am biodh iad air an teagasg gun a bhith ri toibheum.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6