bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
/
1 Timothy 3
1 Timothy 3
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
Tha am facal seo dìleas: Ma tha iarrtas aig duine air dreuchd fir‑coimhid, tha e a' miannachadh obair mhath.
2
Feumaidh mar sin am fear‑coimhid a bhith os cionn adhbhar càinidh, fear de dh'aon bhean, measarra, ciallach, urramach, aoigheil, comasach air teagasg,
3
gun a bhith na dhrungair, gun a bhith droch‑nàdarrach, ach caomh, sìtheil, gun ghaol an airgid,
4
a' stiùireadh a thaigh fhèin gu math, a chlann aige ann an ùmhlachd, leis a h‑uile h‑iomchaidheachd.
5
Ach mura h‑aithne do neach an taigh aige fhèin a stiùireadh, ciamar a choimheadas e às dèidh eaglais Dhè?
6
Na biodh e na ùr‑chreidmheach, gus nach tuit e ann am breitheanas an diabhail, le bhith às a chiall le pròis.
7
A‑nis feumaidh cuideachd deagh theisteanas a bhith aige uapasan a tha an taobh a‑muigh, mus tuit e ann am masladh 's ann an ribe an diabhail.
8
San aon dòigh feumaidh na deuconan a bhith urramach, gun a bhith dà‑bheulach, gun a bhith gan toirt fhèin do chus fìona, gun a bhith sanntach air buannachd eas‑onorach.
9
A' gleidheadh dìomhaireachd a' chreideimh le deagh chogais.
10
Agus cuideachd biodh iad air an dearbhadh an toiseach, an uair sin dèanadh iad seirbheis mar dheuconan, ma tha iad gun chionta.
11
San aon dòigh feumaidh na mnathan a bhith urramach, gun a bhith nan cùl‑chàineadairean, measarra, dìleas sa h‑uile sìon.
12
Biodh na deuconan nam fir de dh'aon bhean, a' stiùireadh an cuid chloinne gu math agus an dachaighean fhèin.
13
Oir tha iadsan a th' air seirbheis mhath a dhèanamh, a' faighinn deagh sheasamh dhaib' fhèin agus mòran dànadais sa chreideamh ann an Crìosd Ìosa.
14
Na rudan seo sgrìobh mi thugaibh, an dòchas tighinn thugaibh a dh'aithghearr,
15
ach ma nì mi dàil, biodh fios agaibh mar is còir do neach e fhèin a ghiùlain ann an taigh Dhè, 's e sin, eaglais an Dè bheò, colbh is bunait na fìrinn.
16
Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6