bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 John 1
1 John 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
An ni bhʼ ann bho thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn le ʼr suilean, air an dʼ amhairc sinn, ʼsa laimhsich ar lamhan mu fhacal na beatha:
2
Oir dhʼ fhoillsicheadh a bheatha, us chunnaic sinn, us tha sinn a togail fianuis, ʼsa g-innse dhuibh na beatha siorruidh, a bha maille ris an Athair, ʼsa nochdadh dhuinne:
3
Na chunnaic agus na chuala sinn tha sinn a g-innse dhuibh, gu co-chomunn a bhith agaibh ruinne, us gus am bi ar co-chomunne ris an Athair, us ri Mhac Iosa Criosta.
4
Agus tha sinn a sgriobhadh nan nichean so gu ʼr n-ionnsuidh, gu sòlas a bhith agaibh, ʼs gum bi ur sòlas lan.
5
Agus se so an teachdaireachd a chuala sinn bhuaithe, ʼsa tha sinn a g-innse dhuibhse: Gur solus Dia, agus nach eil dorchadas sa bith ann.
6
Ma their sinn gum beil co-chomunn againn ris, us sinn a g-imeachd an dorchadas, tha sinn briagach, ʼs cha n-eil sinn a dianamh na firinne.
7
Ach ma tha sinn a g-imeachd san t-solus, mar a tha esan san t-solus, tha co-chomunn againn ri cheile, us glanaidh fuil Iosa Criosta, a Mhac-san, sinn bho ʼn h-uile peacadh.
8
Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn ga ʼr mealladh fhein, ʼs cha n-eil an fhirinn unnainn.
9
Ma dhʼ aidicheas sinn ar peacannan, tha esan dileas us ceart gus ar peacannan a mhathadh dhuinn, agus ar glanadh bho ʼn h-uile eucoir.
10
Ma their sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn ga dhianamh-san briagach, ʼs cha n-eil fhacal unnainn.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5