bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 John 5
1 John 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Tha gach aon, a chreideas gur e Iosa an Criosta, air a bhreith bho Dhia. Us tha gach aon, a bheir gaol dhasan a ghin, a toirt gaoil cuideachd dhasan a thʼ air a bhreith bhuaithe.
2
Le so tha fios againn gum beil gaol againn air cloinn Dhe, sinn a bhith toirt gaoil do Dhia, ʼsa cumail fhaintean.
3
Oir se so carrantachd Dhe, sinn a chumail fhaintean: ʼs cha n-eil fhaintean-sa trom.
4
Oir a h-uile ni a rugadh bho Dhia, bheir e buaidh air an t-saoghal: agus si so a bhuaidh a bheir buaidh air an t-saoghal, ar creideamh.
5
Co esan a bheir buaidh air an t-saoghal, ach esan a tha creidsinn, gur e Iosa Mac Dhe?
6
Se so esan a thainig tromh uisge, ʼs tromh fhuil, Iosa Criosta: cha n-ann a mhain tromh uisge, ach tromh uisge, ʼs tromh fhuil. Agus se an Spiorad a tha toirt teisteanais gur e Criosta an fhirinn.
7
Agus tha triuir a tha toirt teisteanais air neamh: an t-Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus is aon an triuir sin.
8
Agus tha triuir a tha toirt teisteanais air talamh: An spiorad, agus an t-uisge, agus an fhuil: agus is aon an triuir sin.
9
Ma ghabhas sinn teisteanas dhaoine, se teisteanas Dhe is mua: oir se so teisteanas Dhe, a tha nas mua, a chionn gun tug e teisteanas air a Mhac.
10
Esan a chreideas ann am Mac Dhe, tha teisteanas Dhe aige ann fhein. An neach nach creid am Mac, tha e dianamh briagadair dheth: a chionn nach eil e creidsinn an teisteanais a thug Dia air a Mhac.
11
Agus se so an teisteanas, gun tug Dia dhuinn a bheatha shiorruidh. Agus tha a bheatha so ʼna Mhac-san.
12
Esan aig a bheil am Mac, tha beatha aige: esan aig nach eil am Mac, cha n-eil beatha aige.
13
Tha mi sgriobhadh so gu ʼr n-ionnsuidh, los gun aithnich sibh gum beil a bheatha shiorruidh agaibhse, a tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhe.
14
Agus se so an dochas a thʼ againn ga thaobh: Ciod sa bith a dhʼ iarras sinn air a reir a thoile, gun eisd e ruinn.
15
Agus tha fios againn gun eisd e ruinn ciod sa bith a dhʼ iarras sinn: tha fios againn gum beil sinn a faighinn nan iarratas, a tha sinn a g-iarraidh air.
16
Am fear aig a bheil fios gun dʼ rinn a bhrathair peacadh, nach eil gu bàs, iarradh e, us bheirear beatha dhasan nach dʼ rinn peacadh gu bàs. Tha peacadh ann gu bàs: air a shon-san cha n-eil mi g-radh gun guidh neach air bith.
17
Is peacadh a h-uile eucoir; agus tha peacadh ann gu bàs.
18
Tha fios againn nach peacaich neach sa bith a thʼ air a bhreith bho Dhia: ach tha gineamhuinn De ga ghleidheadh, ʼs cha bhean an droch-fhear dha.
19
Tha fios againn gu bheil sinne bho Dhia; ʼs gu bheil an saoghal gu leir leagte ris an olc.
20
Us tha fhios againn gun tainig Mac Dhe, agus gun tug e tuigse dhuinn, los gum bi eolas againn air an fhior Dhia, ʼs gum bi sinn ann a fhior Mhac-san. Se so am fior Dhia, agus a bheatha shiorruidh.
21
A chlann bheag, cumaibh sibh fhein bho iodholan. Amen.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5