bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
1 John 4
1 John 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
A chuideachda mo mhor ghaoil, na creidibh a h-uile spiorad, ach fiachaibh na spioraid, an ann bho Dhia a tha iad: a chionn gum beil ioma faidh-breige air dol a mach air feadh an t-saoghail.
2
Le so aithnichear spiorad Dhe: a h-uile spiorad a dhʼ aidicheas gun tainig Iosa Criosta san fheoil, ʼsann bho Dhia a tha e:
3
ʼSa h-uile spiorad a sgaras Iosa, cha n-ann bho Dhia a tha e, agus se so an t-anacriost, mu ʼn cuala sibh gun robh e ri tighinn, agus tha e cheana anns an t-saoghal.
4
Tha sibhse bho Dhia, a chlann bheag, us thug sibh buaidh air: a chionn gur mua esan a tha unnaibhse, na esan a tha san t-saoghal.
5
Tha iadsan dhe ʼn t-saoghal: ʼs le sin tha an labhairt de ʼn t-saoghal, ʼs tha an saoghal a toirt cluaise dhaibh.
6
Tha sinne bho Dhia. Esan, dha ʼn aithne Dia, eisdidh e ruinn; an neach nach eil bho Dhia, cha n-eisd e ruinn: le so aithnichidh sinn spiorad na firinn, agus spiorad na mearachd.
7
A chuideachda ro ghaolach, thugamaid gradh dha cheile: oir tha a charrantachd bho Dhia. ʼS gach aon a ghradhaicheas, tha e air a bhreith bho Dhia, agus is aithne dha Dia.
8
An neach nach gradhaich, cha n-aithne dha Dia: oir is carrantachd Dia.
9
Le so dhʼ fhiachadh carrantachd Dhe dhuinn, a chionn gun do chuir Dia aonghin Mic thun an t-saoghail, gus sinn a bhith beo troimh-san.
10
An so tha carrantachd: cha n-e gun tug sinn gaol do Dhia, ach a chionn gun tug esan gaol dhuinne an toiseach, ʼs gun do chuir e a Mhac ʼna reite air son ar peacannan.
11
A mhuinntir mo mhor ghraidh, ma thug Dia gaol mar so dhuinne, is còir dhuinne gaol a thoirt dha cheile.
12
Cha n-fhaca duine Dia riamh. Ma bheir sinn gaol dha cheile, tha Dia a comhnuidh unnainn, agus tha a charrantachd-san air a coimhlionadh unnainn.
13
Le so is aithne dhuinn gum beil sinn a comhnuidh ann, us esan unnainn: a chionn gun tug e dhuinn dhe a spiorad.
14
Agus chunnaic sinn, agus tha sinn a toirt teisteanais, gun do chuir an t-Athair a Mhac mar Shlanair an t-saoghail.
15
Co air bith a dhʼ aidicheas gur e Iosa Mac Dhe, tha Dia a gabhail comhnuidh ann, agus esan ann an Dia.
16
Us dhʼ aithnich sinn, us chreid sinn a charrantachd a thʼ aig Dia dhuinn. Is carrantachd Dia; agus an neach a dhʼ fhanas ann an carrantachd, tha e fantuinn ann an Dia, us Dia annsan.
17
Le so tha carrantachd Dhe air a coimhlionadh dhuinn, gu earbsa a bhith againn lathʼ a bhreitheanais: oir mar a tha esan, tha sinne cuideachd anns an t-saoghal so.
18
Cha n-eil eagal ann an carrantachd: ach tilgidh carrantachd choimhlionta a mach eagal: a chionn gum beil pian san eagal: agus cha n-eil esan, a tha gabhail eagail, coimhlionta ann an carrantachd.
19
Thugamaid ma ta gaol do Dhia, a chionn gun tug Dia gaol dhuinn an toiseach.
20
Ma their duine air bith, tha gaol agam air Dia, us fuath aige dha bhrathair, tha e briagach. Oir esan nach eil a toirt gaoil dha bhrathair, a tha e faicinn, ciamar is urrainn da gaol a thoirt do Dhia, nach eil e faicinn?
21
Agus tha ʼn fhainte so againn bho Dhia: Esan a bheir gaol do Dhia, thugadh e gaol dha bhrathair cuideachd.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5