bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
James 1
James 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Seumas, seirbhiseach Dhe agus ar Tighearna Iosa Criosta, do ʼn dà threibh dhiag a tha air an sgapadh, fàilte.
2
Mo bhraithrean, seallaibh air ʼna aobhar a h-uile sòlais, nuair a thuiteas sibh ann an ioma buaireadh:
3
Le fios gun oibrich diachuinn ur creidimh faighidin.
4
Us aig faighidin tha obair choimhlionta, gus sibhse a bhith coimhlionta agus diongmhalta, gun fhàillinn an ni air bith.
5
Ach ma tha gliocas a dhith air neach air bith, iarradh e air Dia, a tha ga thoirt gu pailt do dhaoine uile, gun achasan; us bheirear dha e.
6
Ach iarradh e le creideamh gun ag air bith: oir tha esan a tha an teagamh coltach ri tonn na mara, a tha air a ghluasad, ʼs air a luasgadh mun cuairt leis a ghaoith.
7
Uime sin na saoileadh an duine sin, gum faigh e ni bho Tighearna.
8
Tha fear na h-inntinne dubailte neo-steidheil ʼna rathaidean uile.
9
Ach dianadh brathair, a tha iosal ʼna staid, uaill ʼna ardachadh:
10
Ach an duine saibhir ʼna isleachadh: oir mar bhlath an fheoir theid e seachad:
11
Oir dhʼ eirich a ghrian ʼna dian-theas, us shearg am fiar, us thuit a bhlath, agus chaochail dreach a mhaise: is amhuil a sheargas an duine saibhir ʼna rathaidean.
12
Is beannaichte an duine a ghiulaineas ri buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheobh e crùn na beatha, a gheall Dia dhaibh-san a bheir gaol dha.
13
Na abradh duine air bith, nuair a tha e air a bhuaireadh, gur h-ann le Dia a tha e air a bhuaireadh: oir cha n-eil Dia ʼna bhuaireadair gu olc; ʼs cha n-eil e buaireadh duine air bith.
14
Ach tha h-uile duine air a bhuaireadh le ana-mhiann fhein, le e bhith air a tharruinn ʼs air a thaladh leis.
15
An sin nuair a ghinear an t-ana-miann, beiridh e am peacadh: ach nuair a choimhlionar am peacadh, ginidh e am bàs.
16
Na bithibh ma ta air ur mealladh, mo bhraithrean ro ghradhach.
17
Tha h-uile gibht is fhearr, ʼsa h-uile gibht choimhlion bho na h-ardaibh, a tighinn bho Athair na soillse, air nach tig muthadh, no faileas caochlaidh.
18
Oir le thoil fhein ghin e sinn le facal na firinne, gus sinn a bhith ʼnar gné thoiseach a chreutair.
19
Is aithne dhuibh, mo bhraithrean ro ghradhach. Us biodh a h-uile duine ealamh gu eisdeachd: ach mall gu labhairt, us mall gu feirg.
20
Oir cha n-eil fearg duine a g-oibreachadh ceartas De.
21
Uime sin a tilgeil air chùl a h-uile neo-ghloine, us anabarr gò, gabhaibh le ciuine ris an fhacal a tha suidhichte unnaibh, a tha comasach air ur n-anmannan a shabhaladh.
22
Ach bithibh ʼnur luchd-dianamh an fhacail, ʼs cha n-ann ʼnur luchd-eisdeachd a mhain, gu ʼr mealladh fhein.
23
Oir ma tha duine ʼna fhear-eisdeachd an fhacail, ʼs cha n-ann ʼna fhear-dianamh, samhluichear e ri fear a sealltuinn air a ghnuis nadurra ann an sgathan:
24
Oir ghabh e beachd air fhein, us dhʼ fhalbh e, agus ghrad-dhiochuimhnich e ciod an seorsa duine a bhʼ ann fhein.
25
Ach am fear a ghabh fior bheachd air lagh coimhlion na saorsa, ʼsa bhuanaich ann, gun e bhith ʼna fhear-eisdeachd diochuimhneach, ach ʼna fhear-dianamh na h-oibre, bithidh e sobeannaichte ʼna ghniomh.
26
Ach ma tha neach air bith an duil gum beil e fhein ʼna dhuine diadhaidh, gun strian a chur ri theangaidh, ach a mealladh a chridhe fhein, is faoin creideamh an duine sin.
27
An crabhadh glan us neo-thruaillidh an lathair Dhe, agus an Athar, se so: Dol a shealltuinn air dilleachdain, ʼs air bantraichean ʼnan trioblaid, us duine ga chumail fhein gun smal bho ʼn t-saoghal so.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5