bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
James 5
James 5
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Togaibh oirbh a nis, a dhaoine beairteach, guilibh, a donnalaich romh na truaighean a thig oirbh.
2
Tha ur beartas air lobhadh; us dhʼ icheadh ur n-aodach leis na laomuinn.
3
Tha ur n-òr ʼs ur n-airgiod air meirgeadh; us bithidh am meirg ʼna teisteanas ʼnur n-aghaidh, agus cnamhaidh i ur feoil mar theine. Charn sibh suas dhuibh fhein fearg an aghaidh nan laithean deirionnach.
4
Seall, tha tuarasdal an luchd-oibre, a bhuain ur n-achaidhean, a chumadh bhuapa leibhse le foill, a g-eigheach; agus chaidh an eigh a stigh an cluasan Tighearna na sàbaid.
5
Rinn sibh cuilm air talamh, us ann an ròic dhʼ araich sibh ur cridhe chionn latha a chasgraidh.
6
Dhit sibh us mharbh sibh an duine ionraic, ʼs cha do chuir e ʼnur n-aghaidh.
7
Bithibh faighidneach ma ta, a bhraithrean, gu tighinn an Tighearna. Seall, feithidh an tuathanach ri toradh priseil an talmhuinn, a cur suas gu faighidneach gus am faigh e an t-uisge luathrach agus deirionnach.
8
Bithibhse uime sin faighidneach, us daingnichibh ur cridheachan: oir tha tighinn an Tighearna faisg.
9
Na dianadh a h-aon agaibh, a bhraithrean, gearan air an aon eile, gus nach toirear breth oirbh. Seall, tha am britheamh ʼna sheasamh aig an dorus.
10
Gabhaibh, a bhraithrean, mar shamhladh air olc fhulang, air saothair agus faighidin, na faidhean, a labhair ribh an ainm an Tighearna.
11
Seall, tha sinn gam meas-san beannaichte a dhʼ fhuilig. Chuala sibh mu fhaighidin Ioib, us chunnaic sibh crioch an Tighearna, ʼs gu bheil an Tighearna iochdor us truacanta.
12
Ach fos cionn a h-uile ni, mo bhraithrean, na mionnaichibh, co-dhiu ʼsann air neamh, no air talamh, no mionn sa bith eile. Ach biodh ur briathran: Se, se; Cha n-e, cha n-e; gus nach tuit sibh fo bhreitheanas.
13
Am beil a h-aon agaibh fo mhulad? Dianadh e urnaigh; am beil toil-inntinn air? seinneadh e laoidh.
14
Am beil duine air bith tinn ʼnur measg? Thugadh e stigh sagairt na h-eaglaise, ʼs dianadh iad urnaigh fos a chionn, ga ungadh le ola an ainm an Tighearna:
15
Agus sabhalaidh urnaigh a chreidimh an duine tinn, us togaidh an Tighearna suas e; ʼs ma bhios e ann am peacannan, bithidh iad mathte dha.
16
Aidichibh uime sin ur peacannan dha cheile, agus guidhibh air son a cheile, los gum bi sibh sabhailte: oir is mor is fhiach buan-urnaigh an duine ionraice.
17
Bu duine Elias buailteach do fhulangas mar sinne; agus le urnaigh ghuidh e, nach sileadh uisge air an talamh, ʼs fad thri bliadhna agus shia miosan cha do shil e.
18
Us rinn e urnaigh a rithist; ʼs thug an t-athar bhuaithe uisge, agus thug an talamh bhuaithe a thoradh.
19
Mo bhraithrean, ma theid neach agaibh air seachran bho ʼn fhirinn, ʼs ma bheir duine air tionndadh,
20
Is còir fios a bhith aige, gun sabhail esan, a tha ʼna aobhar tionndadh a pheacaich bho iomrall a shlighe, ʼanam bho ʼn bhàs, ʼs gum falaich e moran pheacannan.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5