bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
James 3
James 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
1
Na bithibh, mo bhraithrean, ʼnur moran mhaighistirean, le fios gum faigh sibh breitheanas nas mua.
2
Oir tha sinn uile ciontach an iomadh nì. Mur eil duine ciontach ann am facal, tha e ʼna dhuine coimhlionta; tha e comasach air strian a chur ri chorp uile.
3
Oir fiach tha sinn a cur chabstairean am bial nan each, gus iad a bhith umhailt dhuinn, us tionndaidh sinn mun cuairt an corp uile.
4
Seall longan, ged is mor iad, agus air an greasad le gaoithean laidir, a dhʼ aindeoin sin bheirear mun cuairt iad le stiuir bhig, taobh air bith a dhʼ iarras beum an stiuradair.
5
Mar sin is ball beag gu dearbh an teanga, us ni i raiteachas mor. Seall nach crion an teine, ʼs nach mor a choille a lasas e!
6
Agus is teine an teanga, saoghal de dhʼ olc. Tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, a truailleadh na coluinne uile, ʼsa lasadh cuairt ar beatha, ʼs i fhein laiste bho iutharna.
7
Tha h-uile gné ainmhidhean, us ian, us nathraichean, ʼs de sheorsa eile, air an dianamh soitheamh, ʼs cheannsaicheadh iad le nadur an duine:
8
Ach cha n-eil duine idir a ʼs urrainn an teanga cheannsachadh; is olc luasganach i, lan de phuinsean marbhtach.
9
Leatha tha sinn a beannachadh Dhe agus an Athar; us leatha tha sinn a mollachadh dhaoine, a tha air an dianamh ri iomhaigh Dhe.
10
As an aon bhial tha beannachadh agus mollachadh a tighinn. Mo bhraithrean, cha chòir do na nichean so bhith mar so.
11
An cuir tobar a mach as an aon suil uisge milis, agus uisge searbh?
12
An urrainn do chraoibh-fhige dearcan-fiona thoirt a mach, mo bhraithrean, no do ʼn fhionain fioguisean? Cha mhua is urrainn do shàile uisge milis a thoirt bhuaithe.
13
Co tha ʼna dhuine glic ʼs air fhaghlum ʼnur measg? Fiachadh e le deagh ghiulan ʼobair fhein ann an ciuine a ghliocais.
14
Ach ma tha eud searbh agaibh, us conas ʼnur cridheachan, na dianaibh uaill, ʼs na bithibh ʼnur briagadairean an aghaidh na firinne:
15
Oir cha so gliocas, a tha tighinn bho na h-ardaibh, ach gliocas talmhaidh, colaidh, diabhluidh.
16
Oir far a bheil farmad us consachadh, an sin tha iomluas, agus a h-uile droch ghniomh.
17
Ach an gliocas a tha bho na h-ardaibh, an toiseach gu dearbh tha e geamnaidh, an sin sitheil, stuama, furasd a chomhairleachadh, aontachail do mhath, lan de dhʼ iochd ʼs de dheagh thoradh, gun a bhith toirt breth, gun cheilg.
18
Us tha toradh a cheartais air a chur ann an sith do luchd-dianamh na sithe.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5