bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Philippians 1
Philippians 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 2 →
1
Pol us Timoti, seirbhisich Iosa Criosta, do na naoimh uile ann an Iosa Criosta, a thʼ ann am Philippi, maille ris na h-easbuigean ʼs na deaconan.
2
Grasan gun robh dhuibh agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3
Tha mi toirt taing do mʼ Dhia a h-uile uair a chuimhnicheas mi oirbh,
4
Daonnan na mʼ urnaighean uile a guidhe air ur son gu leir le aoibhneas,
5
Air son ur co-chomuinn ann an soisgeul Chriosta bho ʼn chiad latha gus a nis:
6
A g-earbsa so fhein, gun dian esan, a thòisich an deagh obair, a coimhlionadh gu latha Iosa Criosta:
7
Mar a tha e ceart dhomhsa so a smaoineachadh mu ʼr deidhinn uile, ʼs gum beil sibh agam na mʼ chridhe, ʼs na mʼ chuibhrichean, ʼs ann an dion, ʼs an daingneachadh an t-soisgeil, gum beil sibh uile ʼnur luchd comhphairt na mʼ shòlas:
8
Oir se Dia mʼ fhianuis air cho mor ʼsa tha mo dheidh oirbh uile ann an innibh Iosa Criosta.
9
Agus se so tha mi guidhe, gum miadaich ur carrantachd nas mua ʼs nas mua ann an eolas, agus anns a h-uile tuigse,
10
Gus an raghnaich sibh na nichean is fhearr; los gum bi sibh treibhdhireach ʼs gun choire gu latha Iosa Criosta,
11
Air ur lionadh le toradh a cheartais tromh Iosa Criosta gu gloir ʼs gu moladh Dhe.
12
A nis, a bhraithre, is math leam fios a bhith agaibh, gum beil na tha tachairt dhomhsa a tighinn a thaobh coltais gu leasachadh an t-soisgeil;
13
Air chor ʼs gum beil mo cheanglaichean ann an Criosta follaiseach sa chùirt uile, agus anns gach aite eile;
14
ʼS gum beil moran de na braithrean san Tighearna a gabhail misnich, bho mo cheanglaichean-sa, gu facal De a labhairt le barrachd danadais gun ghioraig.
15
Tha cuid gu dearbh tromh fharmad agus chomh-stri; agus cuid eile le toil mhath a searmonachadh Chriosta;
16
Cuid bho charrantachd, us fios aca gun deachaidh mo chur air son dion an t-soisgeil:
17
Ach tha cuid bho chonas a searmonachadh Chriosta gu neo-threibhdhireach, ann am beachd leasachadh craidh a chur ri mo chuibhrichean.
18
Ach dé an omhail? Fhad ʼsa thathas air a h-uile cor, biodh e le fàth no le firinn, a toirt eolais air Criosta; as leth so tha mi aoibhneach, seadh, us bithidh mi aoibhneach.
19
Oir is aithne dhomh gun tionndaidh so gu mʼ shabhaladh tromh ur n-urnaighse, agus tromh chuideachadh Spiorad Iosa Criosta,
20
A reir mo dhuil-sa agus mo dhochais, nach naraichear air aona chor mi: ach leis a h-uile earbsa a nis, mar riamh, gun ardaichear Criosta na mʼ chorpsa, co-dhiu ʼsann tromh mo bheatha no tromh mo bhàs.
21
Oir dhomhsʼ a bhith beo se Criosta, ʼsa bhith marbh buannachd.
22
Agus ma se ʼs gun toir a bhith beo san fheoil toradh mo shaothrach domh, ciod a raghnaicheas mi, cha n-aithne dhomh.
23
Ach tha mi air mo theannachadh eadar an dà chuid: an deidh a thʼ agam a bhith air mʼ fhuasgladh, ʼsa bhith maille ri Criosta, se gu fad moran is fhearr:
24
Ach se fuireach san fheoil, a tha riatanach air ur sonsa.
25
ʼS le mʼ earbsa a bhith mar so, tha brath agam gum fan ʼs gum fuirich mi fada maille ribh uile, gus ur leas, ʼs gu solas a chreidimh,
26
Gus ur n-aighear a bhith nas pailte ann an Iosa Criosta air mo shonsa, le mi thighinn uair eile gu ʼr n-ionnsuidh.
27
A mhain biodh ur caithe-beatha freagrach do shoisgeul Chriosta; air chorʼs co-dhiu thig mi ʼsa chi mi sibh, no as an lathair gun cluinn mi mu ʼr deidhinn, gum beil sibh a seasamh gu daingeann ann an aon spiorad, a dhʼ aon inntinn a co-oibreachadh air son creideamh an t-soisgeil;
28
Agus na gabhaibh a bheag a dhʼ eagal roimh naimhdean: ni a tha ʼna aobhar ditidh dhaibhse, ach dhuibhse ʼna aobhar sabhalaidh, agus so bho Dhia:
29
Oir thugadh dhuibhse air son Chriosta, cha n-e a mhain gun creid sibh ann, ach cuideachd gum fuilig sibh as a leth:
30
An cath ciadna agaibh, a chunnaic sibh unnamsa, ʼsa tha sibh a nis air cluinntinn mu thimchioll.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
Recommended Reading
Commentary
Philippians Commentaries
→
Devotional
Philippians Devotional Guide
→
Get This Bible
MacEachen Study Bible
→