bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Philippians 3
Philippians 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
1
A thaobh na cuid eile, a bhraithrean, biodh aoibhneas oirbh san Tighearna. Cha dhragh leamsa gu dearbh na nichean ciadna a sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh, ach is riatanach dhuibhse e.
2
Bithibh air ur faicill bho choin, bithibh air ur faicill bho dhroch luchd-oibre, bithibh air ur faicill bho ʼn chomh-ghearradh.
3
Oir is sinne an timchioll-ghearradh, a tha seirbhiseachadh Dhe san spiorad, ʼs aig a bheil ar n-uaill á Iosa Criosta, ʼs nach eil a cur buin as an fheoil,
4
Ged a dhʼ fhaodainn-sa gu dearbh bun a chur as an fheoil. Ma tha duine air bith eile a saoilsinn gum faod e earbsa bhith aige as an fheoil, is mua na sin mise,
5
ʼS mi air mo thimchioll-ghearrradh air an ochdamh latha, ʼs mi de shliochd Israil, de threibh Bheniamin, Eabhrach de na h-Eabhraich, a reir an lagha am Phairiseach,
6
A thaobh eud a dianamh geur-leanmhuinn air eaglais Dhe; a reir a cheartais, a tha san lagh, mo ghiulan gun achasan:
7
Ach na bha gu buannachd dhomh, sheall mi orra mar chall air son Chriosta.
8
A thuilleadh air sin tha mi meas a h-uile ni ʼna chall air son eolas barraichte Iosa Criosta mo Thighearna; as a lethse dhʼ fhuilig mi call a h-uile ni, ʼs tha mi gam mheas mar shalachar, gus mi Criosta a bhuannachd,
9
ʼS gum faighear mi ann-san cha n-ann le mo cheartas fhein, a tha bho ʼn lagh, ach leis a cheartas sin a tha bho chreideamh Iosa Criosta: an ceartas sin a tha bho Dhia ann an creideamh,
10
Gu aithne a bhith agam air, ʼs air cumhachd ʼaiseirigh, ʼs air comhphairt ʼna fhulangas, air mo dhianamh na mʼ mhac-samhuilt a bhàis:
11
Fiach an teid agam a dhʼ aon chor air ruighinn air an aiseirigh, a tha bho na mairbh:
12
Cha n-e gun deach agam air fhathast, no gum beil mi cheana coimhlion: ach tha mi leanailt, fiach, air sheol sa bith, an glac mi sin leis am beil mi air mo ghlacadh le Iosa Criosta.
13
A bhraithrean, cha n-eil mi meas gun do ghlac mi. Ach aon rud: a diochuimhneachadh gu dearbh na tha am dheigh, gam shineadh fhein dhʼ ionnsuidh nan nichean a tha romham,
14
Tha mi greasad thun a chuspair, gu duais gairm neamhaidh Dhe ann an Iosa Criosta.
15
Uibhir ʼsa tha coimhlionta dhinn ma ta, bithemid san aigne so; ʼs ma tha chaochla rùin agaibh, foillsichidh Dia dhuibh so cuideachd.
16
Ach co-dhiu bhon a thainig sinn gu bhith a dhʼ aon inntinn, fanamaid san riaghailt chiadna.
17
Bithibh ʼnur luchd-leanmhuinn ormsa, a bhraithrean, agus gabhaibh beachd orrasan, a tha g-imeachd ceart mar a tha samhuilt agaibh bhuainn.
18
Oir tha moran a g-imeachd, muʼn dʼ innis mi tric dhuibh (agus a gal tha mi nis ga innse), ʼnan naimhdean do chrois Chriosta:
19
Dha ʼn deireadh sgrios: dha ʼn Dia am bru: agus dha ʼn uaill an nàire, a tha leagail am beachd air nichean talmhaidh.
20
Ach tha ar comhradh-ne ann am flathanas; as a bheil duil againn ris an t-Slanair, ar Tighearna Iosa Criosta,
21
A dhʼ ath-dhealbhas ar corp diblidh, air a chumadh ri corp a ghloir-san, a reir an oibreachaidh leis an urrainn da gach uile ni a chur fo smachd dha fhein.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4