bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Philippians 4
Philippians 4
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
1
Uime sin, a bhraithrean ro ghaolach ʼs dha bheil mo mhor speis, mo shòlas agus mo chrùn; fanaibh mar so steidheil san Tighearna, a chuideachda mo ruin.
2
Tha mi guidhe air Ebhodia, ʼs tha mi griosad air Sintiche, iad a bhith a dhʼ aon bheachd san Tighearna.
3
Us tha mi g-achanaich ortsa cuideachd, a chompanaich threibhdhirich, na boirionnaich sin a chuideachadh, a dhʼ oibrich anns an t-soisgeul comhla riumsa, maille ri Clement agus mo luchd-cuideachaidh eile, aig am beil an ainmean an leabhar na beatha.
4
Bithibh aoibhneach san Tighearna daonnan: a rithist tha mi g-radh: Bithibh aoibhneach.
5
Biodh ur stuamachd follaiseach do dhaoine uile: tha an Tighearna faisg.
6
Na biodh iomaguin oirbh: ach anns a h-uile ni le urnaigh ʼs le achanaich maille ri buidheachas, biodh ur n-iarratasan aithnichte do Dhia.
7
Agus gun gleidh sith Dhe, a tha dol fos cionn a h-uile tuigse, ur cridhe ʼs ur n-inntinn ann an Iosa Criosta.
8
Mar thuilleadh, a bhraithrean, ge bʼ iad nichean a tha fior, ge bʼ iad nichean a tha geamnaidh, ge bʼ iad nichean a tha ceart, ge bʼ iad nichean a tha naomh, ge bʼ iad nichean a tha gaolach, ge bʼiad nichean a tha cliuiteach, ma tha subhailc ann, ma tha moladh air oilean, orra sin smaoinichibh.
9
Na nichean a dhʼ fhaghluim sibh, ʼsa ghabh sibh, ʼsa chuala sibh, ʼsa chunnaic sibh unnamsa, dianaibh iad; agus bithidh Dia na sithe maille ribh.
10
A nis tha mi gabhail mor aoibhneis san Tighearna, a chionn mu dheireadh thall gun do bhlathaich ur deagh thoil riumsa as ùr, ceart mar a bha i roimh: ach bha e ana-cothromach dhuibh.
11
Cha n-ann mar air son uireasuidh a tha mi labhairt: oir dhʼ ionnsuich mi bhith toilichte le ciod air bith staid sam bi mi.
12
Is aithne dhomh cur suas ris an dà chuid, gainne agus pailteas: (chleachdadh mi ris a h-uile h-aite ʼs ris a h-uile ni) a bhith sasaichte mar aon ʼsa bhith air acras, pailteas a mhealtuinn mar-aon agus uireasuidh fhulang.
13
ʼS urrainn domh a h-uile ni dhianamh annsan, a tha gam neartachadh.
14
An deigh sin uile is math a rinn sibh, mo chuideachadh na mʼ thrioblaid.
15
Agus tha fios agaibhse cuideachd, a mhuinntir Philippi, nuair a dhʼ fhag mi Macedonia, ann an tùs an t-soisgeil, nach do chuidich eaglais air bith leam a thaobh toirt agus gabhail, ach sibhse a mhain:
16
Oir aon uair agus uair eile, chuir sibh do Thessalonica na bha gu mʼ fheum.
17
Cha n-e gum beil mi g-iarraidh an tiodhlaic, ach se tha bhuam an toradh lan-phailt air ur taobhsa.
18
Ach tha h-uile ni agam, ʼs tha mo leor mhor agam: tha mi lan, ʼs mi air faighinn bho Epaphroditus nan nichean a chuir sibh h-ugam, fàile cubhraidh, iobairt bhlasda, thaitneach do Dhia.
19
Ach gum bʼ e mo Dhia a ni suas dhuibh ur n-uile iarratas a reir a bheartais ann an gloir ann an Iosa Criosta.
20
A nis do Dhia ʼs ar n-Athair gun robh gloir fad shaoghal nan saoghal. Amen.
21
Cuiribh fàilt air a h-uile naomh ann an Iosa Criosta.
22
Tha na braithrean a tha maille riumsa a cur fàilte oirbh. Tha na naoimh uile a cur fàilte oirbh, fos leth iadsan a tha de theaghlach Chésair.
23
Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ri ʼr spiorad. Amen.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
All chapters:
1
2
3
4