bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Titus 1
Titus 1
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
1
Pol, seirbhiseach Dhe, us ostal Iosa Criosta, a reir creideamh dhaoine taghte le Dia, ʼs aideachadh na firinne, a tha a reir diadhachd:
2
Gu dochas na beatha siorruidh, a gheall Dia, nach dian briag, roimh thimean an t-saoghail:
3
Ach a shoilleirich ʼna amannan fhein fhacal fhein leis an teagasg, a dhʼ earbadh riumsa a reir fainte Dhe ar Slanair:
4
Gu Titus mo mhac gradhach a reir a chreidimh choitchionn, grasan agus sith dhut bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Slanair.
5
Air son so dhʼ fhag mi ann an Crete thu, gus thu chur air doigh na tha a dhʼ easbhuidh, ʼs gu sagairt orduchadh anns a h-uile baile, mar a dhʼ orduich mise thusa.
6
Ma tha h-aon sa bith gun choire, fear aona mhna, ʼsa chlann creideach, gun raoitearachd a bhith ga cur as a leth, no as-umhlachd:
7
Oir is còir gum bi easbuig gun choire, mar stiubhart Dhe: gun a bhith ardanach, gun a bhith air a thoirt do dhʼ fheirg no do dhʼ fhion, no ʼna fhear-bualaidh, gun a bhith sanntach air buannachd shalaich:
8
Ach a cleachdadh aoidheachd, caoimhneil, stuama, ceart, naomh, geamnaidh,
9
A gabhail ris an fhacal fhirinneach sin, a tha a reir teagaisg, gus e bhith comasach air comhairle a thoirt ann an teagasg fallain, ʼs air comhdach orrasan a tha cur ʼna aghaidh.
10
Oir tha iad lionor a tha as-umhailt, ʼnan luchd faoin-chainnte, agus ʼnam mealltairean: gu h-àraidh iadsan, a tha de ʼn timchioll-ghearradh;
11
A dhʼ fheumar cur ʼnan tosd; a tha tilgeadh thighean iomlan bun os cionn, a teagasg nichean nach còir air son buannachd mosaiche.
12
Thuirt fear dhiu fhein, faidh dhiu: Tha na Cretich an comhnuidh briagach, ʼnan droch bheistean, ʼnam bronnaichean leisg.
13
Tha an teisteanas so fior. As leth so cronaich gu giar iad, gus iad a bhith fallain sa chreideamh,
14
Gun iad a bhith a toirt feairt air sgialachdan Iudhach, ʼs air faintean dhaoine, a tha gan tionndadh fhein bho ʼn fhirinn.
15
Tha h-uile ni glan dhaibh-san a tha glan: ach dhaibh-san, a tha salach us mi-chreideach, cha n-eil nì glan, ach tha an inntinn mar-aon ʼs an cogais truaillidh.
16
Tha iad a gabhail orra fhein gur aithne dhaibh Dia, ach ʼnan dianadas tha iad ga aicheadh, le iad a bhith graineil, ʼs mi-chreideach, agus fuathach air a h-uile deagh obair.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3