bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Titus 2
Titus 2
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
1
Ach labhair thusa na nichean a tha freagrach do theagasg fallain:
2
Gum bi daoine aosda measarra, geamnaidh, glic, fallain an creideamh, an gradh, am faighidin:
3
Boirionnaich aosda mar an ciadna ann an earradh naomh, gun a bhith ri casaidean briagach, gun a bhith cleachdadh moran fiona, a teagasg gu math,
4
Los gun ionnsuich iad do na boirionnaich oga a bhith ciallach, gun toir iad gaol dha ʼm fearaibh, gaol dha ʼn cloinn,
5
A bhith turail, geamnaidh, measarra, a gabhail curaim dhe ʼn tigh, suairc, umhailt dha ʼm fearaibh, gus nach fhaigh facal De toibheum:
6
San doigh chiadna thoir comhairle air daoine oga, iad a bhith measarra.
7
Anns gach ni fiach thu fhein na dʼ shamplair dheagh oibrichean, ann an teagasg, an treibhdhireachd, an stoldachd,
8
Cainnt fhallain, neo-choireach; los sgàth a chur air-san, a tha air chaochla beachd, nuair nach eil e ʼna choinas ni air olc a radh mu ʼr deidhinn:
9
Comhairlich seirbhisich a bhith umhailt dha ʼm maighistirean, anns a h-uile ni gan toileachadh, gun bhruidhinn air ais,
10
Gun mhealltaireachd, ach gam fiachuinn fhein anns gach ni fior-dhileas, gus iad a bhith anns gach cuis ʼnan urram do theagasg Dhe ar Slanair.
11
Oir nochdadh grasan De ar Slanair do dhaoine uile,
12
Ga ʼr teagasg sinn a thighinn beo san t-saoghal so gu measarra, ʼs gu ceart, ʼs gu diadhaidh, a cur cuil ri mi-dhiadhachd, agus ri miannan saoghalta,
13
Le duil ris an dochas bheannaichte, agus ri tighinn gloir an De mhoir, agus ar Slanair Iosa Criosta,
14
A thug e fhein seachad air ar son, los gun saoradh e sinn bho ʼn h-uile olc, ʼs gun glanadh e dha fhein pobull taitneach, luchd-leanmhuinn dheagh oibrichean.
15
Labhair, us earalaich, us cronaich na nichean so, leis a h-uile ughdaras. Na sealladh duine air bith sios ort.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3