bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
/
Titus 3
Titus 3
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
1
Comhairlich dhaibh a bhith umhailt do dhʼ uachdrain ʼs do chumhachdan, iad a fhreagairt gu h-ealamh, iad a bhith deas gus a h-uile deagh obair,
2
Gun olc a labhairt air duine air bith, gun a bhith conasach, ach caomh, a fiachuinn a h-uile caoimhneis ri daoine uile.
3
Oir bha sinn fhein air uair mi-thoinisgeach, mi-chreideach, seachranach, ʼnar traillean do iomadh miann agus ailleas, a tighinn beo an goimh ʼs am farmad, airidh air fuath, ʼsa toirt fuatha dha cheile.
4
Ach nuair a nochdadh mathas us caoimhneas De ar Slanair;
5
Cha n-ann as leth oibrichean ceartais, a rinn sinne, ach a reir a throcaire fhein shabhail e sinn, le glanadh na h-ath-bhreith, agus le ath-nuadhachadh an Spioraid Naoimh,
6
A thaom e oirnn gu pailt, tromh Iosa Criosta ar Slanair;
7
Los gum bi sinn, us sinn air ar naomhachadh le ghrasan-sa, ʼnar n-oighreachan a reir dochas na beatha siorruidh.
8
Is facal firinneach so; agus is math leam thu na nichean so a chomhdach, gus iadsan, a tha creidsinn ann an Dia, a bhith adhartach gu bhith barraichte ann an deagh oibrichean. Tha na nichean so math, agus tarbhach do dhaoine.
9
Ach seachuinn ceisdean aimideach, us sloinntearachd, us consachadh, us stri mu ʼn lagh: oir is nichean gun tairbhe agus faoin iad.
10
Seachuinn fear, a tha ʼna eiriceach, an deigh a chiad ʼs an ath chronachaidh:
11
A tuigsinn gum beil a leithid so de dhuine air aimhreidh, ʼsa peacachadh, bhon a tha e air a dhiteadh le bhreth fhein.
12
Nuair a chuireas mi h-ugad Artemus, no Tichicus, dian cabhag gu tighinn gam ionnsuidh do Nicopolis: oir chuir mi romham an geamhradh a chaitheamh an sin.
13
Cuir Senas am fear-lagha, agus Apollo air an adhart gu curamach, gus nach bi ni a dhith orra.
14
Agus ionnsuicheadh na fir againne cuideachd a bhith adhartach ri deagh oibrichean gus am feum riatanach, gus nach bi iad gun toradh.
15
Tha iadsan uile, a tha maille rium, a cur bheannachdan ad ionnsuidh: cuir fàilt orrasan uile, aig a bheil gaol oirnn anns a chreideamh. Grasan De gun robh maille ribh uile. Amen.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
All chapters:
1
2
3