bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Corinthians 16
1 Corinthians 16
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
1
A‑nis a‑thaobh an tionail airson nan naomh, mar a dh’òrdaich mi do eaglaisean Ghalàtia, mar sin dèanaibh-se mar an ceudna.
2
Air ciad là gach seachdain, cuireadh gach aon agaibh nì air leth anns an ionmhas a‑chum nach bi tional ri dhèanamh nuair a thig mise.
3
Agus nuair a thig mi, cò air bith iad a mholas sibh le ur litrichean, cuiridh mi iadsan a ghiùlan ur tabhartasan gu Ierusalem.
4
Agus mas iomchaidh mise a dhol mar an ceudna, thèid iadsan am chuideachd.
5
Agus thig mi dur n‑ionnsaigh-se, nuair a thèid mi tro Mhacedònia (oir tha mi a’ dol tro Mhacedònia:)
6
Agus faodaidh e a bhith gum fan mi, no eadhon gun caith mi an geamhradh maille ribh, a‑chum gun toir sibh air m’aghaidh mi, ge bè àite don tèid mi.
7
Oir chan àill leam ur faicinn a‑nis anns an dol seachad; ach tha dùil agam fantainn rè tamaill maille ribh, ma leigeas an Tighearna dhomh.
8
Ach fanaidh mi ann an Ephesus gu Caingis.
9
Oir dh’fhosgladh doras mòr agus èifeachdach dhomh, agus tha mòran eascairdean ann.
10
A‑nis ma thig Timòteus, feuchaibh gum bi e gun eagal maille ribh: oir tha e a’ saothrachadh ann an obair an Tighearna, mar a tha mise.
11
Uime sin na dèanadh neach sam bith tàir air: ach thugaibh air aghaidh e ann an sìth, a‑chum gun tig e am ionnsaigh-sa: oir tha sùil agam ris maille ris na bràithrean.
12
Mu thimcheall ar bràthar Apollos, ghuidh mi gu dùrachdach air teachd dur n‑ionnsaigh-se maille ris na bràithrean: ach cha b’i a thoil air chor sam bith teachd aig an àm seo; ach thig e nuair a gheibh e àm iomchaidh.
13
Dèanaibh faire, seasaibh gu daingeann anns a’ chreideamh, bithibh fearail, bithibh làidir.
14
Biodh ur n‑uile nithean air an dèanamh le gràdh.
15
Agus guidheam oirbh, a bhràithrean (o is aithne dhuibh teaghlach Stephanuis, gur iad ciad-thoradh Achaia, agus gun tug iad iad fhèin a‑chum frithealaidh do na naoimh),
16
Gum bi sibh umhail dan leithidean sin, agus do gach aon a nì obair agus saothair maille rinne.
17
Tha mi subhach ri teachd Stephanuis, agus Fhortunatuis, agus Achaicuis: oir rinn iad suas an nì sin a bha a dh’uireasbhaidh dur taobh-se.
18
Oir thug iad suaimhneas dom spiorad-sa, agus dur spiorad-se: uime sin biodh meas agaibh air an leithidean sin.
19
Tha eaglaisean na h‑Asia a’ cur fàilte oirbh. Tha Acuila agus Priscila, maille ris an eaglais a tha nan taigh, a’ cur mòr-fhàilte oirbh anns an Tighearna.
20
Tha na bràithrean uile a’ cur fàilte oirbh. Cuiribh-se fàilte air a chèile le pòig naoimh.
21
Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin.
22
Ma tha neach sam bith nach gràdhaich an Tighearna Iosa Crìosd, biodh e na Anatèma, Maranàta.
23
Gu robh gràs an Tighearna Iosa Crìosd maille ribh.
24
Mo ghràdh-sa maille ribh uile ann an Iosa Crìosd. Amen.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16