bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Corinthians 7
1 Corinthians 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 8 →
1
A‑nis a‑thaobh nan nithean mun do sgrìobh sibh am ionnsaigh: Is math do fhear gun bheantainn ri mnaoi.
2
Gidheadh, a‑chum strìopachas a sheachnadh, biodh a bhean fhèin aig gach fear, agus aig gach mnaoi a fear fhèin.
3
Thugadh am fear an deagh-ghean dligheach don mhnaoi; agus a’ bhean mar an ceudna don fhear.
4
Chan eil comas a cuirp fhèin aig a’ mhnaoi, ach aig an fhear: agus mar an ceudna chan eil comas a chuirp fhèin aig an fhear, ach aig a’ mhnaoi.
5
Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo-gheamnaidheachd.
6
Ach tha mi a’ labhairt seo mar nì ceadaichte, agus chan ann mar àithne.
7
Oir bu mhiann leam gum biodh na h‑uile dhaoine mar mi fhèin: gidheadh tha a thìodhlac fhèin aig gach duine o Dhia, aig aon neach mar seo, agus aig neach eile mar siud.
8
Uime sin tha mi ag ràdh ris an dream nach eil pòsda, agus ris na bantraichean, Is math dhaibh ma dh’fhanas iad eadhon mar a tha mise.
9
Gidheadh mura faodar leo iad fhèin a ghleidheadh geamnaidh, pòsadh iad: oir is fheàrr pòsadh na losgadh.
10
Agus dhaibhsan a tha pòsda tha mi ag àithneadh, gidheadh cha mhise, ach an Tighearna, gun a’ bhean a dhealachadh ra fear.
11
Ach ma dhealaicheas i, fanadh i gun phòsadh, no biodh i rèidh ra fear: agus na cuireadh am fear uaithe a bhean.
12
Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana-creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.
13
Agus a’ bhean aig a bheil fear ana-creidmheach, agus gu bheil esan toileach còmhnaidh a ghabhail maille rithe, na cuireadh i uaipe e.
14
Oir tha am fear ana-creidmheach air a naomhachadh leis a’ mhnaoi, agus tha a’ bhean ana-creidmheach air a naomhachach leis an fhear: no bhiodh ur clann neòghlan; ach a‑nis tha iad naomh.
15
Ach ma dh’fhalbhas am fear ana-creidmheach, falbhadh e. Chan eil bràthair no piuthar fo dhaorsa nan leithidean sin de chàsan: ach ghairm Dia sinn a‑chum sìthe.
16
Oir ciod am fios a tha agadsa, O bhean, nach saor thu d’fhear? No ciod am fios a tha agadsa, O fhir, nach saor thu do bhean?
17
Ach a rèir mar a roinn Dia ris gach duine, mar a ghairm an Tighearna gach aon, mar sin gluaiseadh e: agus mar sin tha mise ag òrdachadh anns na h‑eaglaisean uile.
18
An do ghairmeadh neach sam bith agus e timcheall-gheàrrte? Na dèanar e neo-thimcheall-gheàrrte: an do ghairmeadh neach sam bith gun e a bhith timcheall-gheàrrte? Na timcheall-ghearrar e.
19
Chan eil èifeachd anns an timcheall-ghearradh, agus chan eil èifeachd anns an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an coimhead àitheantan Dhè.
20
Fanadh gach aon anns a’ ghairm anns an do ghairmeadh e.
21
An do ghairmeadh thu ad sheirbhiseach? Na biodh suim agad dheth; ach ma dh’fhaodas tu a bhith saor, gum b’e sin do roghainn.
22
Oir an tì a ghairmeadh anns an Tighearna na sheirbhiseach, is duine saor an Tighearna e: mar an ceudna an tì a ghairmeadh agus e saor, is e seirbhiseach Chrìosd e.
23
Cheannaicheadh le luach sibh; na bithibh nur seirbhisich do dhaoine.
24
A bhràithrean, anns an staid anns an do ghairmeadh gach neach, an sin fanadh e maille ri Dia.
25
A‑nis a‑thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna: gidheadh tha mi a’ toirt breith, mar neach a fhuair tròcair on Tighearna gu bhith dìleas.
26
Tha mi a’ meas uime sin gu bheil seo math airson na teanntachd a tha an làthair; tha mi ag ràdh gu bheil e math do dhuine a bhith mar sin.
27
A bheil thu ceangailte ri mnaoi? Na iarr fuasgladh. A bheil thu fuasgailte o mhnaoi? Na iarr bean.
28
Ach ma phòsas tu, cha do pheacaich thu; agus ma phòsas òigh, cha do pheacaich i: gidheadh, bidh aig an leithidean seo trioblaid anns an fheòil; ach tha mi gur caomhnadh.
29
Ach tha mi ag ràdh seo, a bhràithrean, gu bheil an aimsir goirid anns na bheil ri teachd: a‑chum araon gum bi iadsan, aig a bheil mnathan, mar nach biodh mnathan aca;
30
Agus iadsan a tha ri caoidh, mar nach biodh iad ri caoidh; agus iadsan a tha ri gàirdeachas, mar mhuinntir nach eil ri gàirdeachas; agus iadsan a tha ri ceannachd, mar dhaoine nach eil a’ sealbhachadh;
31
Agus iadsan a tha a’ gnàthachadh an t‑saoghail seo, mar dhream nach eil ga mhì-ghnàthachadh; oir thèid sgiamh an t‑saoghail seo seachad.
32
Ach b’àill leam sibhse a bhith gun ro‑chùram. An tì nach eil pòsda, bidh cùram nan nithean sin a bhuineas don Tighearna air, cionnas a thoilicheas e an Tighearna.
33
Ach an tì a tha pòsda, bidh cùram nithean an t‑saoghail air, cionnas a dh’fhaodas e a bhean a thoileachadh.
34
Tha mar an ceudna eadar-dhealachadh eadar bean agus òigh: tha cùram oirrese nach eil pòsda mu nithean an Tighearna, a‑chum gum bi i naomh, araon na corp agus na spiorad; ach bidh cùram air a’ mhnaoi a tha pòsda mu nithean an t‑saoghail, cionnas a dh’fhaodas i a fear a thoileachadh.
35
Agus seo tha mi a’ labhairt a‑chum ur tairbhe fhèin; chan ann a‑chum gun cuirinn ribe oirbh, ach a‑chum an nì sin a tha ciatach, agus gum feitheadh sibh air an Tighearna gun bhuaireadh.
36
Ach ma shaoileas duine sam bith gu bheil e ga ghiùlan fhèin gu mì‑chiatach a‑thaobh a mhaighdinn, ma chaidh blàth a h‑aimsir thairis, agus gur còir a dhèanamh mar sin, dèanadh e nas àill leis, chan eil e a’ peacachadh: pòsadh iad.
37
Gidheadh, an tì sin a tha suidhichte gu daingeann na chridhe, agus gun èiginn sam bith air, ach aig a bheil cumhachd air a thoil fhèin, agus a chuir roimhe na chridhe a mhaighdeann a choimhead, tha e a’ dèanamh gu math.
38
Uime sin, mas eadh, tha an tì a bheir seachad ann am pòsadh i a’ dèanamh gu math; ach tha an tì nach toir ann am pòsadh i a’ dèanamh nas fheàrr.
39
Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna.
40
Ach tha i nas sona ma dh’fhanas i mar sin, a rèir mo bhreith-sa: agus is i mo bharail gu bheil Spiorad Dhè agam.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16