bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
1 Corinthians 5
1 Corinthians 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
1
Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar.
2
Agus tha sibh air ur sèideadh suas, agus cha do rinn sibh bròn mar a bu chòir, a‑chum gun tugte air falbh uaibh am fear a rinn an gnìomh seo.
3
Oir gu deimhinn air dhòmhsa a bhith uaibh anns a’ cholainn, ach an làthair agaibh ann an spiorad, thug mi breith cheana, mar gum bithinn an làthair, air an neach a rinn seo mar seo;
4
Ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd, air dhuibhse agus dom spiorad-sa a bhith cruinn an ceann a chèile, maille ri cumhachd ar Tighearna Iosa Crìosd;
5
A shamhail seo de dhuine a thoirt thairis do Shàtan a‑chum sgrios na feòla, a‑chum gum bi an spiorad air a shaoradh ann an là an Tighearna Iosa.
6
Chan eil ur n‑uaill math: nach eil fhios agaibh gun gortaich beagan de thaois ghoirt am meall uile?
7
Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son.
8
Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo-ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn.
9
Sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh ann an litir, gun choluadar a bhith agaibh ri luchd-neòghlaine:
10
Gidheadh chan ann gu h‑uile ri luchd-neòghlaine an t‑saoghail seo, no ri luchd-sannt, no luchd-fòirneirt, no luchd-iodhal-adhraidh; oir an sin b’èiginn dhuibh dol a‑mach as an t‑saoghal.
11
Ach a‑nis sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gun choluadar a ghleidheadh, ma tha neach air bith ris an abrar bràthair na fhear-neòghlaine, no sanntach, no na fhear-iodhal-adhraidh, no na fhear-ana-cainnt, no na mhisgeir, no na fhear-fòirneirt, maille ra leithid seo de dhuine gun uiread is biadh ithe.
12
Oir ciod e mo ghnothach-sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach eil sibhse a’ toirt breith air an dream a tha a‑staigh?
13
Ach tha Dia a’ toirt breith orra-san a tha an leth a‑muigh. Uime sin cuiribh air falbh an droch dhuine sin as ur meadhon fhèin.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16