bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 Corinthians 2
2 Corinthians 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
1
Ach chuir mi seo romham annam fhèin, gun teachd a‑rìs fo dhoilgheas dur n‑ionnsaigh.
2
Oir ma nì mise duilich sibhse, cò e matà a nì subhach mise, ach an tì air an do chuireadh doilgheas leam?
3
Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile.
4
Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh.
5
Ach ma thug neach sam bith adhbhar doilgheis, cha do chuir e doilgheas ormsa, ach ann an cuid; a‑chum nach cuirinn ro‑uallach oirbh uile.
6
Is leòr da leithid sin de dhuine am peanas seo, a leagadh air le mòran.
7
Ionnas air an làimh eile, gur mò as còir dhuibh maitheanas agus comhfhurtachd a thoirt dha, air eagal gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le anabarr doilgheis.
8
Uime sin guidheam oirbh gun daingnicheadh sibh ur gràdh dha.
9
Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean.
10
Ge bè neach don toir sibhse maitheanas ann an nì sam bith, bheir mise mar an ceudna: oir ma thug mise maitheanas ann an nì sam bith, ge bè don tug mi am maitheanas, is ann air ur son-se a thug mi e, am fianais Chrìosd;
11
Air eagal gum faigheadh Sàtan an cothrom oirnn: oir chan eil sinn aineolach air a innleachdan.
12
Os bàrr, nuair a thàinig mi gu Tròas a‑chum soisgeul Chrìosd a shearmonachadh, agus a dh’fhosgladh doras dhomh leis an Tighearna,
13
Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia.
14
A‑nis buidheachas do Dhia, a tha a‑ghnàth a’ toirt oirnne buadhachadh ann an Crìosd, agus a tha a’ foillseachadh deagh fhàile a eòlais fhèin leinn anns gach àite.
15
Oir tha sinne do Dhia nar fàile cùbhraidh Chrìosd, anns an dream a thèarnar, agus anns an dream a sgriosar:
16
Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo?
17
Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13