bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 Corinthians 7
2 Corinthians 7
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
1
Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.
2
Gabhaibh rinne: cha do rinn sinn eucoir air aon duine, cha do thruaill sinn aon duine, cha do mheall sinn aon duine.
3
Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan-ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh.
4
Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh-se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar.
5
Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal.
6
Ach Dia a bheir comhfhurtachd dhaibhsan a tha air an leagadh sìos, thug e comhfhurtachd dhuinne le teachd Thìtuis:
7
Agus chan ann le a theachd-san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian-thogradh, ur caoidh, ur teas-ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas.
8
Oir ged a chuir mi doilgheas oirbh leis an litir, chan eil aithreachas orm, ged a bha aithreachas orm: oir tha mi a’ faicinn gun do chuir an litir sin doilgheas oirbh, ged nach do rinn i seo ach rè tamaill.
9
A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh-ne.
10
Oir obraichidh am bròn diadhaidh aithreachas a‑chum slàinte de nach gabhar aithreachas; ach obraichidh doilgheas an t‑saoghail bàs.
11
Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.
12
Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon-san a rinn an eucoir, no air a shon-san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram-ne mur timcheall-se ann am fianais Dhè.
13
Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd-se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile.
14
Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris-san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus.
15
Agus tha dùrachd a chridhe-san nas pailte dur taobh-se, air dha a bhith a’ cuimhneachadh ur n‑ùmhlachd uile, mar a ghabh sibh ris le eagal agus ball-chrith.
16
Uime sin tha gàirdeachas orm gu bheil muinghinn agam annaibh anns gach nì.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13