bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
2 Corinthians 5
2 Corinthians 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
1
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.
2
Oir tha sinn ri osnaich an seo, a’ miannachadh a bhith air ar n‑èideadh le ar taigh o nèamh:
3
O air dhuinn a bhith air ar n‑èideadh, nach faighear lomnochd sinn.
4
Oir tha sinne a tha anns a’ phàillean seo ri osnaich, air dhuinn a bhith fo uallaich: chan ann a chionn gum bu mhiann leinn a bhith air ar rùsgadh, ach air ar n‑èideadh, a‑chum gum bi bàsmhorachd air a slugadh suas le beatha.
5
A‑nis an tì a dh’obraich sinn a‑chum seo fhèin is e Dia e, a thug dhuinn mar an ceudna geall-daingnich an Spioraid.
6
Uime sin tha sinn a‑ghnàth deagh-mhisneachail, air dhuinn fios a bhith againn am feadh a tha sinn aig an taigh anns a’ cholainn, gu bheil sinn air choigrich on Tighearna:
7
(Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)
8
Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.
9
Uime sin tha sinn a’ dèanamh ar dìchill, a‑chum cò aca a bhios sinn an làthair no air choigrich, gum bi sinn taitneach dhàsan.
10
Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.
11
Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.
12
Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe.
13
Oir ma tha sinn a dh’easbhaidh cèille, is ann do Dhia: agus ma tha ar ciall againn, is ann dhuibhse.
14
Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:
15
Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.
16
Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.
17
Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.
18
Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;
19
Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.
20
Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.
21
Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13