bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Amos 1
Amos 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 2 →
1
Briathran Amois, a bha am measg buachaillean Thecòa, a fhuair e mu thimcheall Israeil, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim mhic Iohais, rìgh Israeil, dà bhliadhna ron chrith-thalmhainn.
2
Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan-còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil.
3
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Dhamascais, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do bhuail iad Gilead le innealan-bualaidh iarainn.
4
Ach cuiridh mise teine air taigh Hasaeil, a loisgeas lùchairtean Bhen-hadaid.
5
Brisidh mi fòs crann-druididh Dhamascais, agus gearraidh mi as am fear-àiteachaidh o chòmhnard Abhein, agus esan a ghlacas an t‑slat-rìoghail o thaigh Edein: agus siùbhlaidh sluagh Shiria ann am bruid gu Cir, deir an Tighearna.
6
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Ghàsa, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad a’ bhruid uile air falbh ann am braighdeanas, a‑chum an toirt seachad do Edom.
7
Ach cuiridh mi teine air balla Ghàsa, a sgriosas a lùchairtean.
8
Agus gearraidh mi am fear-àiteachaidh air falbh o Asdod, agus esan a ghlacas an t‑slat-rìoghail o Ascelon; agus tionndaidhidh mi mo làmh an aghaidh Ecroin: agus bàsaichidh fuidheall nam Philisteach, deir an Tighearna Iehòbhah.
9
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Thìruis, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun tug iad suas a’ bhruid uile do Edom, agus nach do chuimhnich iad an coicheangal bràthaireil.
10
Ach cuiridh mi teine air balla Thìruis, a loisgeas àrois rìoghail.
11
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh.
12
Ach cuiridh mi teine air Teman, a loisgeas lùchairtean Bhosrah.
13
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan chloinn Amoin, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reub iad suas mnathan torrach Ghilead, a‑chum an crìochan fhèin a chur ann am farsaingeachd.
14
Ach fadaidh mise teine air balla Rabah, agus loisgidh e sìos a lùchairtean, le iolaich ann an là a’ chatha, le cuairt-ghaoith ann an là na doininn.
15
Agus imichidh an rìgh ann am braighdeanas, e fhèin agus a mhòr-uaislean le chèile, deir an Tighearna.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9