bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Amos 2
Amos 2
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 3 →
1
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Mhòaib, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do loisg e cnàmhan rìgh Edoim gu aol.
2
Ach cuiridh mi teine air Mòab, agus loisgidh e lùchairtean Chìrioit, agus bàsaichidh Mòab le co‑ghaoir, le iolaich, le fuaim na trompaid.
3
Agus gearraidh mi as am britheamh as a mheadhon, agus marbhaidh mi a uile phrionnsachan maille ris, deir an Tighearna.
4
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Iùdah, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do rinn iad dìmeas air reachd an Tighearna, agus nach do choimhead iad a àitheantan; agus thug an diathan brèige orra dol air seachran, iad sin a chaidh an athraichean air an dèidh.
5
Ach cuiridh mi teine air Iùdah, agus loisgidh e lùchairtean Ierusaleim.
6
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Israeil, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reic iad am fìrean airson airgid, agus am bochd airson bhròg.
7
Tha iad a’ saltairt sìos ceann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine: agus tha duine agus a athair a’ dol a‑steach a‑chum na h‑aon ghruagaich, a thruailleadh m’ainm naoimh-sa.
8
Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.
9
Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe.
10
Fòs thug mi sibhse a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, agus stiùir mi sibh tron fhàsach dà‑fhichead bliadhna; a‑chum gun sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach.
11
Agus thog mi suas cuid de ur mic airson fhàidhean, agus de ur n‑òganaich airson Nàsarach. Nach ann mar seo a tha e, O chlann Israeil? deir an Tighearna.
12
Ach thug sibh do na Nàsaraich fìon ra òl; agus dh’àithn sibh do na fàidhean, ag ràdh, Na dèanaibh fàistneachd.
13
Feuch, bruthaidh mise ur n‑àite, mar a bhruthas carbad luchdaichte le arbhar a sguaban.
14
Agus trèigidh a luathas an duine luath, agus cha bhi an duine làidir treun na neart, cha mhò a nì an duine cumhachdach e fhèin a shaoradh.
15
Cha seas esan fòs a laimhsicheas am bogha, agus cha saor an luath-chasach e fhèin; cha mhò a thèarnas an tì a mharcaicheas an t‑each e fhèin.
16
Agus esan a tha a’ daingneachadh a chridhe am measg nan cumhachdach, teichidh e air falbh rùisgte anns an là sin, deir an Tighearna.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9