bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Amos 8
Amos 8
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 9 →
1
Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, cliabh de mheas samhraidh.
2
Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh-sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.
3
Agus bidh òrain an teampaill nan ulartaich anns an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: bidh mòran chorp marbha anns gach ionad: tilgidh iad gu tosdach a‑mach iad.
4
Cluinnibh seo, O sibhse a tha a’ slugadh suas an ainnis, eadhon a thoirt air bochdan an fhearainn fàilneachadh:
5
Ag ràdh, Cuin a thèid a’ ghealach ùr seachad, a‑chum gun reiceamaid sìol? Agus an t‑sàbaid, a‑chum gun tugamaid a‑mach cruithneachd? A’ dèanamh na h‑ephah beag, agus an t‑seceil mòr; agus a’ dèanamh na meidhe mearachdach le ceilg:
6
A’ ceannach nam bochd airson airgid, agus an fheumaich airson bhròg; a’ reic fòs deireadh a’ chruithneachd.
7
Mhionnaich an Tighearna air òirdheirceas Iàcoib, Gu deimhinn cha dìochuimhnich mi gu bràth an uile obraichean.
8
Nach criothnaich am fearann airson seo? Agus nach dèan gach duine a tha a chòmhnaidh ann caoidh? Agus nach èirich amhail tuil thar an iomlan dheth? Nach tilgear a‑mach, agus nach bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit?
9
Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, gun toir mise air a’ ghrèin dol fodha air mheadhon-là, agus nì mi an talamh dorcha anns an là shoilleir.
10
Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.
11
Feuch tha na làithean a’ teachd, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, anns an cuir mise gort anns an fhearann; chan i gort dìth arain, no tart dìth uisge, ach de dhìth èisdeachd facail an Tighearna.
12
Agus siùbhlaidh iad o fhairge gu fairge, agus on àird a tuath, eadhon gus an àird an ear; ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh, a dh’iarraidh facal an Tighearna, agus chan fhaigh iad e.
13
Anns an là sin fannaichidh na h‑òighean maiseach agus na h‑òganaich le tart.
14
Iadsan a tha a’ mionnachadh air peacadh Shamaria, agus ag ràdh, Tha do dhia-sa beò, O Dhain, agus tha cùis-adhraidh Bheer-sèba beò; tuitidh eadhon iadsan, agus chan èirich iad suas gu bràth tuilleadh.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9