bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ecclesiastes 10
Ecclesiastes 10
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 11 →
1
Bheir cuileagan marbha air ola-ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim.
2
Tha cridhe duine glic air a làimh dheis; ach cridhe amadain air a làimh chlì.
3
Anns an t‑slighe fhèin, nuair a shiùbhlas an t‑amadan, trèigidh a ghliocas e, agus their e ris gach duine gur amadan e.
4
Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra.
5
Tha olc a chunnaic mi fon ghrèin, mar sheachran a thig o làthair an uachdarain;
6
Cuirear amaideachd an inbhe mhòir, agus suidhidh na saoibhir ann an ionad ìosal.
7
Chunnaic mi òglaich air eich agus uachdarain a’ siubhal mar sheirbhisich air an talamh.
8
An tì a chladhaicheas sloc, tuitidh e fhèin ann; agus an tì a bhriseas callaid, teumaidh nathair e.
9
An tì a dh’atharraicheas clachan, gortaichear e leo; agus an tì a sgoilteas fiodh, bidh e an cunnart uaithe.
10
Ma bhios an t‑iarann maol, agus nach geuraich e am faobhar, feumaidh e an tuilleadh spionnaidh a chur leis; ach tha gliocas tairbheach a sheòladh.
11
Gu deimhinn teumaidh an nathair gun srann, agus chan fheàrr am bith-bhriathrach.
12
Tha briathran beul duine glic gràsail; ach sluigidh bilean amadain e fhèin suas.
13
Is amaideachd toiseach briathran a bheòil; agus is cuthach millteach deireadh a chainnte.
14
Agus tha amadan làn de bhriathran: chan eil fhios aig duine ciod a bhios ann: agus ciod a bhios ann na dhèidh, cò as urrainn innse dha?
15
Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair.
16
Mo thruaighe thu, a thìr, nuair as leanabh as rìgh dhut, agus a dh’itheas d’uachdarain biadh anns a’ mhadainn!
17
Is sona thu, a thìr, nuair as e do rìgh mac nan uasal, agus a dh’itheas d’uachdarain ann an àm iomchaidh, a‑chum neirt, agus chan ann a‑chum misge!
18
Le mòran leisge thèid an aitreabh sìos; agus le dìomhanas nan làmh snidhidh an taigh troimhe.
19
Nìthear cuirm a‑chum aiteis, agus nì fìon duine subhach: ach freagraidh an t‑airgead na h‑uile nithean.
20
Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis.
← Chapter 9
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 11 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12