bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ecclesiastes 6
Ecclesiastes 6
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 7 →
1
Tha olc ann a chunnaic mi fon ghrèin, agus tha e coitcheann am measg dhaoine;
2
Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e.
3
Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e.
4
Oir ann an dìomhanas thig e, agus ann an dorchadas thèid e, agus le dorchadas còmhdaichear a ainm.
5
Mar an ceudna chan fhaca e a’ ghrian, agus cha b’aithne dha nì air bith: tha tuilleadh foise aigesan na aig an fhear eile.
6
Seadh, ged bhiodh e beò mìle bliadhna dà uair, gidheadh chan fhaic e math: nach imich iad uile do aon àite?
7
Tha uile shaothair an duine airson a bheòil, agus gidheadh chan eil a mhiann sàsaichte.
8
Oir ciod tuilleadh a tha aig an duine ghlic na aig an amadan? Ciod a tha aig a’ bhochd, don aithne siubhal an làthair nam beò?
9
Is fheàrr sealladh nan sùl na seachran a’ mhiann: is dìomhanas seo mar an ceudna agus buaireadh spioraid.
10
An nì a bha ann, dh’ainmicheadh e cheana, agus tha fhios gum b’e duine e, agus nach urrainn e gleacadh ris-san as treasa na e fhèin.
11
O tha mòran de nithean ann a mheudaicheas dìomhanas, ciod as fheàirrde an duine sin?
12
Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin?
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12