bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ecclesiastes 11
Ecclesiastes 11
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 12 →
1
Tilg d’aran air aghaidh nan uisgeachan; oir an dèidh mòran làithean gheibh thu e.
2
Thoir cuibhreann do sheachdnar, agus mar an ceudna do ochdnar; oir chan eil fhios agad ciod an t‑olc a bhios air an talamh.
3
Ma bhios na neòil làn uisge, falmhaichidh iad iad fhèin air an talamh; agus ma thuiteas craobh mu dheas no mu thuath, anns an àit anns an tuit a’ chraobh, an sin bidh i.
4
An tì a bheir an aire don ghaoith, cha chuir e sìol; agus an tì a dh’amhairceas air na neòil, cha bhuain e.
5
Mar nach eil fhios agad ciod i slighe an spioraid, no cionnas a dh’fhàsas na cnàmhan ann am broinn na mnà a bhios torrach, is amhail sin nach eil fhios agad air obraichean Dhè, mar a nì e na h‑uile nithean.
6
Anns a’ mhadainn cuir do shìol, agus anns an fheasgar na toir air do làmh sgur; oir chan eil fhios agad cia dhiubh as fheàrr a shoirbhicheas, seo no siud, no am bi iad le chèile cho math.
7
Gu deimhinn is milis an solas, agus is taitneach do na sùilean sealltainn air a’ ghrèin.
8
Ach ma mhaireas duine iomadh bliadhna, agus gun dèan e gàirdeachas annta uile, gidheadh cuimhnicheadh e làithean an dorchadais, gum bi iad lìonmhor. Is dìomhanas gach nì a thig.
9
Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.
10
Uime sin atharraich doilgheas od chridhe, agus cuir olc air falbh od fheòil; oir is dìomhanas leanabachd agus òige.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12