bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ezra 1
Ezra 1
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 2 →
1
A‑nis ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Phersia, a‑chum gum biodh facal an Tighearna le beul Ieremiah air a choileanadh, dhùisg an Tighearna suas spiorad Chìruis rìgh Phersia, agus thug e fa‑near gairm a bhith air a tabhairt air feadh a rìoghachd uile, agus a chur mar an ceudna ann an sgrìobhadh, ag ràdh,
2
Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah.
3
Ge bè neach a tha nur measg-se de a shluagh uile, gu robh a Dhia maille ris, agus rachadh e suas gu Ierusalem a tha ann an Iùdah, agus togadh e taigh an Tighearna, Dia Israeil; is esan an Dia, a tha ann an Ierusalem.
4
Agus ge bè neach a dh’fhàgadh ann an àite sam bith far a bheil e air chuairt, cuidicheadh daoine a àite leis le airgead, agus le òr, agus le maoin, agus le ainmhidhean a thuilleadh air an tabhartas saor-thoile airson taigh Dhè a tha ann an Ierusalem.
5
An sin dh’èirich cinn athraichean Iùdah agus Bheniàmin, agus na sagartan agus Lèbhithich, gach neach aig an do dhùisg Dia a spiorad gu dol suas a thogail taigh an Tighearna a tha ann an Ierusalem.
6
Agus neartaich iadsan uile a bha mun cuairt dhaibh an làmhan le soithichean airgid, le òr, le maoin, agus le ainmhidhean, agus le nithean luachmhor, a thuilleadh air gach nì a thugadh seachad le saor-thoil.
7
Thug mar an ceudna an rìgh Cìrus a‑mach soithichean taigh an Tighearna, a thug Nebuchadnesar a‑mach à Ierusalem, agus a chuir e ann an taigh a dhiathan:
8
Eadhon iad sin thug Cìrus rìgh Phersia a‑mach le làimh Mhitredait, fear-gleidhidh an ionmhais, agus rinn e an àireamh do Shesbadsar uachdaran Iùdah.
9
Agus is e seo an àireamh: Deich-cuachan-fichead òir, mìle cuach airgid, naoi-sgeanan-fichead,
10
Deich-ar‑fhichead soitheach-ionnlaid òir, ceithir cheud agus deich soithichean airgid den dara seòrsa, mìle de shoithichean eile.
11
Na soithichean òir agus airgid uile, còig mìle agus ceithir cheud; iad sin uile thug Sesbadsar suas maille ris na braighdean, a thugadh suas o Bhàbilon gu Ierusalem.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10