bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ezra 5
Ezra 5
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 6 →
1
Ach rinn Hagai am fàidh, agus Sechariah mac Ido am fàidh, fàidheadaireachd do na h‑Iùdhaich a bha ann an Iùdah agus ann an Ierusalem, fàidheadaireachd dhaibh ann an ainm an Tighearna, Dia Israeil.
2
An sin dh’èirich Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua mac Iosadaic, agus thòisich iad air taigh Dhè a thogail, a tha ann an Ierusalem: agus maille riùsan bha fàidhean Dhè a’ cuideachadh leo.
3
Anns an àm sin fhèin thàinig dan ionnsaigh Tatnai, an t‑uachdaran air an taobh seo den abhainn, agus Setarbosnai, agus an cuideachd, agus mar seo thubhairt iad riu, Cò a thug òrdagh dhuibhse an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a dhèanamh suas?
4
An sin thubhairt iad riu air an dòigh seo, Cia ainm a tha air na daoine a tha a’ togail na h‑aitreibh seo?
5
Ach bha sùil an Dè air seanairean nan Iùdhach, agus cha tug iad orra sgur, gus an tàinig a’ chùis a dh’ionnsaigh Dhariuis; agus an sin thugadh freagradh le litir mu thimcheall seo.
6
Dùblachadh na litreach a chuir Tatnai, an t‑uchadaran air an taobh seo den abhainn, agus Setar-bosnai agus a chuideachd, na h‑Arphasachaich, a bha air an taobh seo den abhainn, a dh’ionnsaigh Dhariuis an rìgh:
7
Chuir iad litir da ionnsaigh anns an robh sgrìobhte mar seo: Gu Darius an rìgh, gach uile shìochaint.
8
Biodh fios aig an rìgh gun deachaidh sinn gu mòr-roinn Iudèa, a dh’ionnsaigh taigh an Dè mhòir, a tha ga thogail le clachan mòra, agus tha fiodh air a chur anns na ballachan, agus tha an obair seo a’ dol gu luath air a h‑aghaidh, agus a’ soirbheachadh nan làmhan.
9
An sin dh’fheòraich sinn de na seanairean sin, agus mar seo thubhairt sinn riu, Cò thug dhuibh òrdagh an taigh seo a thogail, agus na ballachan seo a chur suas?
10
Agus mar an ceudna dh’fheòraich sinn an ainmean dhiubh, a thoirt fios dhut, a‑chum gun sgrìobhamaid ainmean nan daoine a bha air an ceann.
11
Agus mar seo thug iad freagradh dhuinn, ag ràdh, Is sinne seirbhisich Dia nan nèamh agus na talmhainn, agus tha sinn a’ togail taighe a chaidh a thogail iomadh bliadhna roimhe seo, a thog agus a chrìochnaich rìgh mòr a bha air Israel.
12
Ach nuair a bhrosnaich ar n‑athraichean Dia nèimh gu feirg, thug e thairis iad do làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin, an Caldèanach, a sgrios an taigh seo, agus a thug an sluagh leis do Bhàbilon.
13
Ach ann an ciad bhliadhna Chìruis rìgh Bhàbiloin, thug rìgh Cìrus òrdagh taigh seo Dhè a thogail.
14
Agus mar an ceudna soithichean òir agus airgid taigh Dhè, a thug Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem, agus a thug e leis do theampall Bhàbiloin, iad sin thug rìgh Cìrus a‑mach à teampall Bhàbiloin, agus thugadh iad do fhear dom b’ainm Sesbadsar, a rinn e na uachdaran;
15
Agus thubhairt e ris, Gabh na soithichean seo, imich, thoir leat iad don teampall a tha ann an Ierusalem, agus biodh taigh Dhè air a thogail na àite.
16
An sin thàinig Sesbadsar sin, agus leag e bunait taigh Dhè a tha ann an Ierusalem: agus on àm sin gus a‑nis tha e ga thogail, agus chan eil e fhathast crìochnaichte.
17
A‑nis uime sin, mas math leis an rìgh, dèanar rannsachadh ann an taigh-ionmhais an rìgh a tha ann am Bàbilon, a dh’fheuchainn an tugadh an t‑òrdagh seo le rìgh Cìrus, taigh seo Dhè a thogail ann an Ierusalem, agus cuireadh an rìgh fios dar n‑ionnsaigh ciod i a thoil a‑thaobh an nì seo.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10