bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Ezra 9
Ezra 9
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 10 →
1
Agus nuair a rinneadh na nithean sin, thàinig na h‑uachdarain am ionnsaigh ag ràdh, Cha do dhealaich sluagh Israeil, agus na sagartan, agus na Lèbhithich iad fhèin o shluagh na tìre, a’ dèanamh a rèir an gràinealachd, eadhon nan Canàanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, nan Amonach, nam Mòabach, nan Eiphiteach, agus nan Amorach.
2
Oir ghabh iad den nigheanan dhaibh fhèin agus dom mic, agus mheasg an sliochd naomh iad fhèin le sluagh nan tìrean; agus bha làmh nan uachdaran agus an luchd-riaghlaidh air thoiseach anns a’ chionta seo.
3
Agus nuair a chuala mi an nì seo, reub mi m’aodach, agus m’fhallaing, agus spìon mi cuid de ghruaig mo chinn agus m’fheusag, agus shuidh mi sìos fo uamhann.
4
An sin chruinnicheadh am ionnsaigh iadsan uile a chriothnaich ro bhriathran Dia Israeil, airson euceart na muinntir a thugadh air falbh; agus shuidh mi fo uamhann gu ruig an ìobairt-fheasgair.
5
Agus aig an ìobairt-fheasgair dh’èirich mi om thùirse, lem aodach agus m’fhallaing reubte umam, agus leig mi mi fhèin air mo ghlùinean, agus sgaoil mi a‑mach mo làmhan a dh’ionnsaigh an Tighearna mo Dhia.
6
Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.
7
O làithean ar n‑athraichean bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an là‑an‑diugh, agus airson ar n‑euceartan thugadh thairis sinn fhèin, ar rìghrean, ar sagartan, do làimh rìghrean nan tìrean, don chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh.
8
Agus a‑nis car tamaill bhig nochdadh gràs on Tighearna ar Dia, a dh’fhàgail dhuinn fuidhill, agus a thabhairt tàirnge dhuinn na ionad naomh, a‑chum gun soillsicheadh ar Dia ar sùilean, agus gun tugadh e dhuinn beagan beothachaidh nar daorsa:
9
Oir bha sinne nar tràillean, gidheadh nar daorsa cha do thrèig ar Dia sinn, ach fhuair e tròcair dhuinn ann an sùilean rìghrean Phersia, a thoirt dhuinn ath-bheothachaidh a chur suas taigh ar Dè, agus a leasachadh na mhilleadh ann, agus a thoirt dhuinn balla ann an Iùdah agus ann an Ierusalem.
10
Agus a‑nis, O ar Dia, ciod a their sinn an dèidh seo? Oir thrèig sinn d’àitheantan,
11
A dh’àithn thu led sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh, Tha an talamh da bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh na thalamh neòghlan le neòghlaine sluagh nan tìrean, len gràinealachdan, a lìon e o cheann gu ceann len salchar.
12
A‑nis, matà, na tugaibh ur nigheanan dam mic, agus an nigheanan-san na gabhaibh dur mic-se, agus na iarraibh an sìth no an saoibhreas gu bràth, a‑chum gum bi sibh làidir, agus gun ith sibh math an fhearainn, agus gum fàg sibh e na oighreachd dur cloinn gu bràth.
13
Ach an dèidh gach nì a thàinig oirnn airson ar droch obair, agus airson ar cionta mhòir, o nach do rinn thusa ar Dia peanas oirnn a rèir ar droch thoillteanais, agus gun tug thu dhuinn a leithid seo de shaorsa;
14
Nam briseamaid a‑rìs d’àitheantan, agus nan dèanamaid cleamhnas ri sluagh nan gràinealachd sin, nach biodh fearg ort rinn gus an cuireadh tu as dhuinn, air chor is nach biodh fuidheall no dol as ann?
15
A Thighearna Dhè Israeil, is ceart thusa, oir tha sinn an làthair a thàinig as, mar air an là‑an‑diugh. Feuch, tha sinn ad fhianais nar peacaidhean: oir chan urrainn sinn seasamh ad fhianais airson seo.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10