bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Isaiah 3
Isaiah 3
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 4 →
1
Oir feuch, bheir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, air falbh o Ierusalem agus o Iùdah an lorg agus am bata, uile lorg an arain, agus uile lorg an uisge,
2
An treun-fhear agus am fear-cogaidh, am britheamh agus am fàidh, an duine glic agus an seanair;
3
An ceannard air lethcheud agus an duine urramach, agus an comhairliche, agus am fear-ceàirde seòlta, agus an cainnt-fhear deas-bhriathrach.
4
Agus nì mi leanabain nan uachdarain orra, agus riaghlaidh naoidheanan os an cionn.
5
Agus bidh an sluagh air an sàrachadh, gach fear le a chèile, agus gach fear le a choimhearsnach; nì an t‑òganach tàir air an aosda, agus an duine an‑uasal air an duine uasal.
6
Nuair a ghlacas fear a bhràthair, de thaigh a athar, air a thrusgan, ag ràdh, Thig, agus bi ad fhear-riaghlaidh oirnn, agus biodh an t‑aomadh seo fo do làimh-sa:
7
Bheir e briathar air an là sin, ag ràdh, Cha bhi mise am fhear-slànachaidh dhuibh; oir ann am thaigh-sa chan eil biadh no aodach; na cuiribh mise suas am fhear-riaghlaidh air an t‑sluagh.
8
Oir tha Ierusalem air aomadh sìos, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire.
9
Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin.
10
Abraibh ris an ionracan gur math a dh’èireas dha; oir toradh an gnìomharan ithidh iad.
11
Is an‑aoibhinn don aingidh; is olc a dh’èireas dhàsan; oir dìolar dha obair a làmh fhèin.
12
A‑thaobh mo shluaigh-sa, tha clann a’ dèanamh sàrachaidh orra, agus tha mnathan a’ riaghladh os an cionn. O mo shluagh, tha do chinn-iùil gad chur air seachran, agus a’ fiaradh slighe do cheuman.
13
Tha an Tighearna a’ seasamh suas a‑chum tagraidh; agus tha e a’ seasamh a thabhairt breith air an t‑sluagh.
14
Tionnsgnaidh an Tighearna ann am breitheanas ri seanairean a shluaigh, agus rin uachdarain, oir dh’ith sibh suas am fìonlios; tha creach nam bochd nur taighean.
15
Ciod as ciall dhuibh, gu bheil sibh a’ pronnadh mo shluaigh, agus a’ bleith aodannan nam bochd? deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.
16
Os bàrr, thubhairt an Tighearna, A chionn gu bheil nigheanan Shioin uallach, agus ag imeachd le muinealan sìnte a‑mach, agus le sùilean meara, ag imeachd le ceuman iollagach, agus a’ dèanamh fuaime len casan:
17
Uime sin nì an Tighearna maol mullach cinn nigheanan Shioin, agus leigidh an Tighearna ris an nàire.
18
Anns an là sin bheir an Tighearna air falbh àille nan cas-fhàinneachan, agus na brèidean, agus na samhlachan-gealaich,
19
Na cluigeanan, agus na làmh-fhailean, agus na sgàilean,
20
Na cuaileanan, agus na glùineanan, agus na foilteanan, agus na soireachan-boltraich, agus na cluas-fhàinneachan,
21
Na fàinneachan, agus na seudan-sròine,
22
Na trusganan lasach, agus na tonnagan, agus na fallaingean, agus na dealgan,
23
Na sgàthanan, agus na lèintean anairt, agus na curraicean, agus na bratan-sgàile.
24
Agus an àite deagh fhàile bidh brèine, agus an àite criosa bidh sracadh, agus an àite fuilt air a dheagh-chleachdadh bidh maoile, agus an àite crios-uchd bidh ceanglachan sac-eudaich, agus losgadh an àite maise.
25
Tuitidh do dhaoine leis a’ chlaidheamh, agus do threun-fhir anns a’ chogadh.
26
Agus nì a geatachan caoidh agus bròn; agus suidhidh i gu h‑aonaranach sìos air an làr.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66