bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Isaiah 50
Isaiah 50
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 49
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 51 →
1
Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.
2
Carson, nuair a thàinig mi, nach robh aon neach ann? Nuair a ghairm mi, nach tug aon neach freagradh? A bheil mo làmh air fàs cho ro‑ghoirid is nach urrainn mi saoradh? Agus a bheil mi gun chumhachd agam gu tèarnadh? Feuch, lem achmhasan tiormaichidh mi an fhairge, nì mi na h‑aibhnichean nam fàsach; tha an iasg a’ lobhadh a dh’easbhaidh uisge, agus a’ bàsachadh le tart.
3
Eididh mi na nèamhan le dubh-dhorchadas, agus cuiridh mi aodach-saic orra mar chòmhdach.
4
Thug an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa teanga nan daoine fòghlaimte, a‑chum gum b’aithne dhomh facal a labhairt ann an deagh àm ris an neach a tha airtnealach; tha e a’ dùsgadh, madainn an dèidh maidne; tha e a’ dùsgadh mo chluaise gu èisdeachd mar a nì fòghlamach.
5
Dh’fhosgail an Tighearna Iehòbhah mo chluas, agus cha robh mi ceannairceach; cha mhò a thionndaidh mi air m’ais.
6
Thug mi mo dhruim don luchd-bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile.
7
Oir is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh, air an adhbhar sin cha chuirear mi gu amhluadh; uime sin shuidhich mi mo ghnùis mar chloich-theine, agus tha fhios agam nach nàraichear mi.
8
Tha esan am fagas a dh’fhìreanaicheas mi; cò esan a nì strì rium? Seasamaid a‑mach le chèile; cò e m’eascaraid? Thigeadh e dlùth am chòdhail.
9
Feuch, is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh; cò a dhìteas mi? Feuch, fàsaidh iad uile sean mar thrusgan; ithidh an leòmann suas iad.
10
Cò nur measg air a bheil eagal an Tighearna, a tha ag èisdeachd ri guth a sheirbhisich, a tha a’ siubhal ann an dorchadas agus aig nach eil solas? Earbadh e as ainm an Tighearna, agus leigeadh e a thaice ra Dhia.
11
Feuch, sibhse uile a tha a’ fadadh teine, a tha gur cuartachadh fhèin le sradan; siùbhlaibh ann an solas ur teine, agus nan sradan a las sibh; seo gheibh sibh om làimh-sa, laighidh sibh sìos ann an doilgheas.
← Chapter 49
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 51 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66