bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
/
Isaiah 32
Isaiah 32
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 33 →
1
Feuch, rìoghaichidh rìgh ann am fìreantachd, agus riaghlaidh uachdarain ann am breitheanas.
2
Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.
3
Agus cha bhi ceò air sùilean na muinntir a chì; agus bheir cluasan na muinntir a chluinneas èisdeachd.
4
Agus tuigidh cridhe an duine bhrais eòlas; agus bidh teanga an duine mhanntaich ealamh a‑chum labhairt gu soilleir.
5
Cha ghoirear an t‑ùmpaidh fial nas mò, agus chan abrar gu bheil am mìodhair daoineachdail.
6
Oir labhraidh an t‑ùmpaidh a‑ghnàth amaideachd, agus dealbhaidh a chridhe aingidheachd, a chur an gnìomh ceilge, agus a labhairt foill an aghaidh an Tighearna, a dhèanamh anam an acraich falamh, agus a thabhairt na dibhe on duine ìotmhor.
7
Tha innealan an duine mhìodhair olc; tha e a’ dealbh innleachdan aimhleasach, a’ ribeadh nam bochd le briathran breugach, anns a’ cheart àm is an labhair an t‑ainniseach gu fìrinneach.
8
Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e.
9
Eiribh, a mhnathan a tha gu suaimhneach, cluinnibh mo ghuth; a nigheanan gun umhail, èisdibh rim chainnt.
10
Iomadh là agus bliadhna bidh sibh gun fhois, O mhnathan gun umhail; oir dh’fhàilnich am fìon-fhogharadh, cha tig tional an toraidh.
11
Criothnaichibh, sibhse a tha suaimhneach; bithibh gun fhios, sibhse a tha gun umhail; cuiribh dhibh, rùisgibh sibh fhèin agus crioslaichibh ur leasraidh le aodach-saic.
12
Nì iad caoidh airson nan cìoch, airson nam machraichean taitneach, airson na fìonain torraich.
13
Thig an droigheann agus an dris a‑nìos thar fearann mo shluaigh; seadh thar nan uile thaighean aoibhneach anns a’ bhaile luathghaireach.
14
Oir tha an t‑àros air a thrèigsinn; tha buidheann lìonmhor na cathrach air am fàgail; bidh an daingneach agus an tùr nan uaimhean gu bràth, nan aoibhneas do na h‑asalan fiadhaich, nan ionaltradh airson nan treudan;
15
Gus an dòirtear a‑nuas oirnn an Spiorad on àird, agus gus am bi am fàsach na mhachair thorraich, agus gus am measar a’ mhachair thorrach na frìth.
16
An sin nì breitheanas tàmh anns an fhàsach, agus anns a’ mhachair thorraich gabhaidh fìreantachd còmhnaidh.
17
Agus is sìth obair na fìreantachd; agus is toradh don fhìreantachd suaimhneas agus tèarainteachd gu sìorraidh.
18
Agus gabhaidh mo shluagh còmhnaidh ann am fàrdaich fhoisdinnich, agus ann an ionadan-còmhnaidh tèarainte, agus ann an àiteachan-tàimh suaimhneach,
19
Nuair a thig a’ chlach-mheallain a‑nuas air an doire, agus a nìthear a’ chathair cho ìosal ris a’ chòmhnard.
20
Is beannaichte sibhse a tha a’ cur sìl ri taobh gach uisge, a tha a’ cur a‑mach cas an daimh agus na h‑asail.
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 33 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66