bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Galatians 1
Galatians 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
1
Pòl abstol (chan ann o dhaoine, no tre dhuine, ach tre Iosa Crìosd, agus tre Dhia an t‑Athair, a thog suas e o na mairbh),
2
Agus na bràithrean uile a tha maille rium, a‑chum eaglaisean Ghalàtia:
3
Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia an t‑Athair, agus o ar Tighearna Iosa Crìosd;
4
A thug e fhèin airson ar peacaidhean, a‑chum gun saoradh e sinn on droch shaoghal a tha an làthair, a rèir toil Dhè agus ar n‑Athar‐ne:
5
Dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
6
Is ioghnadh leam gun d’atharraicheadh sibh cho luath uaithesan, a ghairm sibh tre ghràs Chrìosd, gu soisgeul eile:
7
Nì nach soisgeul eile; ach tha dream àraidh gur buaireadh, len àill soisgeul Chrìosd a thilgeadh bun‐os‑cionn.
8
Ach nan dèanamaid‐ne, no aingeal o nèamh, soisgeul eile a shearmonachadh dhuibh, ach an soisgeul a shearmonaich sinn dhuibh, biodh e mallaichte.
9
Amhail a thubhairt sinn roimhe, tha mise ag ràdh a‑nis a‑rìs mar an ceudna, Ma shearmonaicheas neach sam bith soisgeul eile dhuibh, ach an soisgeul a ghabh sibh, biodh e mallaichte.
10
Oir a bheil mi a‑nis a’ cur impidh air daoine, no air Dia? No a bheil mi ag iarraidh daoine a thoileachadh? Oir nam bithinn fhathast a’ toileachadh dhaoine, cha bhithinn am sheirbhiseach aig Crìosd.
11
Ach tha mi a’ toirt fios dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaicheadh leamsa, nach ann a rèir duine a tha e.
12
Oir cha b’ann o dhuine a fhuair mi e, cha mhò a theagaisgeadh dhomh e, ach tre fhoillseachadh Iosa Crìosd.
13
Oir chuala sibh mo chaitheamh‐beatha‐sa anns an aimsir a chaidh seachad, ann an creideamh nan Iùdhach, gun do rinn mi thar tomhas geur‐leanmhainn air eaglais Dhè, agus gun d’fhàsaich mi i:
14
Agus gun tàinig mi air m’aghaidh ann an creideamh nan Iùdhach thar mòran dem chomhaoisean am measg mo chinnich fhèin, air dhomh a bhith na bu ro‑eudmhoire mu ghnàthannan mo shinnsireachd.
15
Ach nuair a b’i deagh thoil Dhè, a sgar o bhroinn mo mhàthar mi, agus a ghairm mi tre a ghràs,
16
A Mhac fhèin fhoillseachadh annam, a‑chum gun searmonaichinn e am measg nan Cinneach; air ball cha do chuir mi comhairle ri feòil agus fuil:
17
Cha mhò a chaidh mi suas do Ierusalem, a‑chum na muinntir sin a bha nan abstoil romham; ach chaidh mi do Aràbia, agus a‑rìs thàinig mi air m’ais gu Damascas.
18
An dèidh sin an ceann trì bliadhna, chaidh mi suas gu Ierusalem, a dh’fhaicinn Pheadair, agus dh’fhan mi maille ris còig‐làithean‐deug.
19
Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna.
20
A‑nis anns na nithean a tha mi a’ sgrìobhadh dhuibh, feuch, an làthair Dhè, chan eil mi a’ dèanamh brèige.
21
Na dhèidh sin thàinig mi gu crìochan Shiria agus Chilicia;
22
Agus cha robh eòlas orm a‑thaobh m’fhaicinn aig eaglaisean Iudèa, a bha ann an Crìosd:
23
Ach a‑mhàin chuala iad, An tì anns an àm a chaidh seachad a bha gar geur‐leanmhainn, gu bheil e a‑nis a’ searmonachadh a’ chreidimh a bha e a’ sgrios roimhe seo:
24
Agus thug iad glòir do Dhia air mo shon‐sa.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6