bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Galatians 3
Galatians 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
1
O Ghalàtianacha amaideach, cò a chuir draoidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh umhail don fhìrinn, don robh Crìosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ur sùl, air a cheusadh nur measg?
2
Seo a‑mhàin a b’àill leam fhòghlam uaibh, An ann o obraichean an lagha a fhuair sibh an Spiorad, no o èisdeachd a’ chreidimh?
3
A bheil sibh cho amaideach is sin? Air dhuibh tòiseachadh anns an Spiorad, a bheil sibh a‑nis air ur dèanamh foirfe leis an fheòil?
4
An d’fhuiling sibh na h‑uiread sin de nithean gu dìomhain, mas ann da‑rìribh gu dìomhain?
5
An tì uime sin a tha a’ frithealadh dhuibh an Spioraid, agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg, an ann tre obraichean an lagha, no tre èisdeachd a’ chreidimh a nì e seo?
6
Eadhon mar a chreid Abrahàm Dia, agus a mheasadh sin dha mar fhìreantachd.
7
Uime sin biodh fhios agaibh an dream a tha den chreideamh, gur iad sin clann Abrahàim.
8
Oir air fhaicinn roimhe don sgriobtar gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tre chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do Abrahàm, ag ràdh, Beannaichear na h‑uile Chinnich annadsa.
9
Uime sin tha an dream a tha den chreideamh air am beannachadh maille ri Abrahàm, fìor‐chreidmheach.
10
Oir a mheud is a tha de obraichean an lagha, tha iad fon mhallachadh; oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach neach nach buanaich anns na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha a‑chum an dèanamh.
11
Ach is nì follaiseach nach fìreanaichear neach sam bith tre an lagh ann am fianais Dhè: oir, Bidh am fìrean beò tre chreideamh.
12
Agus chan eil an lagh o chreideamh: ach, An duine a nì iad gheibh e beatha annta.
13
Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:
14
A‑chum gun tigeadh beannachadh Abrahàim air na Cinnich tre Iosa Crìosd; ionnas gum faigheamaid gealladh an Spioraid tre chreideamh.
15
A bhràithrean, tha mi a’ labhairt mar dhuine; ged nach bi ann ach coicheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach air bith air cùl e, agus cha chuirear nì sam bith ris.
16
A‑nis is ann do Abrahàm a thugadh na geallaidhean, agus da shìol. Chan abair e, Agus do shìolan, mar gum biodh e a’ labhairt mu mhòran; ach mar mu aon, Agus dod shìol‐sa, neach as e Crìosd.
17
Agus tha mi ag ràdh seo, nach fhaodar gun cuir an lagh, a thugadh an ceann ceithir cheud agus deich‐bliadhna‐fichead na dhèidh, an coicheangal an neo‐bhrìgh, a dhaingnicheadh roimhe le Dia ann an Crìosd, ionnas gun cuireadh e an gealladh air cùl.
18
Oir mas ann on lagh a tha an oighreachd, chan eil i nas mò on ghealladh: ach thug Dia gu saor i do Abrahàm tre ghealladh.
19
Carson uime sin a thugadh an lagh? Thugadh e airson easaontais, gus an tigeadh an sìol, don do rinneadh an gealladh; air òrdachadh le ainglean ann an làimh eadar‐mheadhonair.
20
A‑nis an t‑eadar‐mheadhonair chan ann airson aoin a tha e na eadar‐mheadhonair; ach is aon Dia.
21
Uime sin a bheil an lagh an aghaidh geallaidhean Dhè? Nar leigeadh Dia: oir nam biodh lagh air a thabhairt a bhiodh comasach air beatha a thoirt uaithe, gu deimhinn is ann on lagh a bhiodh fìreantachd.
22
Ach dh’fhàg an sgriobtar na h‑uile dhaoine dùinte anns a’ pheacadh, a‑chum gum biodh an gealladh tre chreideamh Iosa Crìosd air a thoirt dhaibhsan a tha a’ creidsinn.
23
Ach mun tàinig an creideamh, choimheadadh sinn fon lagh, air ar druideadh a‑steach a‑chum a’ chreidimh a bha gu bhith air fhoillseachadh.
24
Uime sin b’e an lagh ar n‑oide‐fòghlaim gu ar treòrachadh gu Crìosd, a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh tre chreideamh.
25
Ach air teachd don chreideamh, chan eil sinn nas mò fo oide‐fòghlaim.
26
Oir is sibhse uile mic Dhè tre chreideamh ann an Iosa Crìosd.
27
Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.
28
Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd.
29
Agus mas le Crìosd sibh, is sibh sìol Abrahàim gun amharas, agus is oighreachan sibh a rèir a’ gheallaidh.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6