bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Galatians 5
Galatians 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
1
Uime sin seasaibh gu daingeann anns an t‑saorsa leis an do rinn Crìosd saor sinn, agus na bithibh a‑rìs air ur cuibhreachadh le cuing na daorsa.
2
Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall‐ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd.
3
Oir tha mi a‑rìs a’ dèanamh fianais do gach uile dhuine a thimcheall‐ghearrar, gu bheil e mar fhiachan air an lagh gu h‑iomlan a choileanadh.
4
Chan eil tairbhe sam bith ann an Crìosd dhuibhse a tha air ur fìreanachadh tre an lagh; thuit sibh o ghràs.
5
Oir tha sinne tre an Spiorad a’ feitheamh ri dòchas fìreantachd o chreideamh.
6
Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall‐ghearradh, no ann an neo‐thimcheall‐ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.
7
Is math a ruith sibh; cò a bhac sibh o bhith umhail don fhìrinn?
8
Cha tàinig an impidh seo on tì a ghairm sibh.
9
Gortaichidh beagan de thaois ghoirt am meall uile.
10
Tha muinghinn agam asaibh anns an Tighearna, nach bi sibh a dh’aon dòigh air atharrachadh inntinn: ach an tì a tha a’ cur dragha oirbh, giùlainidh e a bhreitheanas, cò air bith e.
11
Agus mise, a bhràithrean, ma shearmonaicheas mi fhathast an timcheall‐ghearradh, carson a nìthear fhathast geur‐leanmhainn orm? An sin bhiodh oilbheum a’ chroinn‐cheusaidh air a chur air cùl.
12
B’fheàrr leam gum biodh iadsan a tha a’ cur mì‑shuaimhneis oirbh eadhon air an gearradh as uaibh.
13
Oir, a bhràithrean, ghairmeadh a‑chum saorsa sibh; a‑mhàin na dèanaibh an t‑saorsa na cion‐fàth don fheòil, ach le gràdh dèanaibh seirbhis da chèile.
14
Oir tha an lagh uile air a choileanadh ann an aon fhacal, eadhon ann an seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
15
Ach ma bhios sibh a’ teumadh agus ag ithe a chèile, thugaibh aire nach claoidhear le a chèile sibh.
16
Tha mi ag ràdh mas eadh, Gluaisibh anns an Spiorad, agus cha choilean sibh ana‐miann na feòla.
17
Oir tha an fheòil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla: agus tha iad sin an aghaidh a chèile; ionnas nach faigh sibh na nithean a bu mhiann leibh a dhèanamh.
18
Ach ma threòraichear leis an Spiorad sibh, chan eil sibh fon lagh.
19
A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas.
20
Iodhal‐adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh‐chreideamh.
21
Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.
22
Ach is e toradh an Spioraid gràdh, aoibhneas, sìth, fad‐fhulangas, caomhalachd, maitheas, creideamh,
23
Macantas, stuaim: an aghaidh an samhail sin chan eil lagh.
24
Agus iadsan as le Crìosd, cheus iad an fheòil, maille ri a h‑an‑tograidhean agus a h‑ana‐miannan.
25
Mas beò dhuinn anns an Spiorad, gluaiseamaid anns an Spiorad mar an ceudna.
26
Na bitheamaid dèidheil air glòir dhìomhain, a’ brosnachadh a chèile, a’ gabhail farmaid ri chèile.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6