bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
James 1
James 1
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
1
Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh‐dheug a tha air an sgapadh o chèile.
2
Mo bhràithrean, measaibh mar an uile ghàirdeachas nuair a thuiteas sibh ann an iomadh gnè dheuchainnean;
3
Air dhuibh fios seo a bhith agaibh, gun obraich dearbhadh ur creidimh foighidinn.
4
Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.
5
Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.
6
Ach iarradh e le creideamh, gun a bhith fo amharas sam bith: oir an tì a tha fo amharas, is cosmhail e ri tonn na fairge a shèidear le gaoith, agus a tha air a luasgadh a‑null agus a‑nall.
7
Oir na saoileadh an duine sin gum faigh e nì air bith on Tighearna.
8
Tha fear na h‑inntinn dhùbailte neo‐sheasmhach na uile shlighean.
9
Dèanadh am bràthair a tha ìosal gàirdeachas na àrdachadh:
10
Ach an duine saoibhir na ìsleachadh: do bhrìgh mar bhlàth an fheòir gun tèid e seachad:
11
Oir air èirigh don ghrèin le dian‐theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.
12
Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.
13
Na abradh neach sam bith nuair a bhuairear e, Tha mi air mo bhuaireadh le Dia: oir cha chomasach Dia a bhuaireadh le olc, cha mhò a bhuaireas e neach sam bith.
14
Ach tha gach duine air a bhuaireadh, nuair a thàirngear, agus a thàlaidhear, e le a ana‑miann fhèin.
15
An sin air a bhith don ana‑miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs.
16
Na bithibh air ur mealladh, mo bhràithrean gràdhach.
17
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.
18
O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad‐toraidh de a chreutairean.
19
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, biodh gach duine ealamh a‑chum èisdeachd, mall a‑chum labhairt, mall a‑chum feirge:
20
Oir chan obraich fearg duine fìreantachd Dhè.
21
Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh.
22
Ach bithibh‐se nur luchd cur‐an‑gnìomh an fhacail, agus na b’ann nur luchd‐èisdeachd a‑mhàin, gur mealladh fhèin.
23
Oir ma tha neach air bith na fhear‐èisdeachd an fhacail, agus chan ann na fhear‐dèanamh da rèir, is cosmhail e ri duine a tha ag amharc air a aghaidh nàdarra fhèin ann an sgàthan:
24
Oir bheachdaich e air fhèin, agus dh’imich e roimhe, agus dhìochuimhnich e air ball ciod an coslas duine a bha ann fhèin.
25
Ach ge bè a bheachdaicheas gu dùrachdach air lagh coileanta na saorsa, agus a bhuanaicheas ann, gun e a bhith na fhear‐èisdeachd dearmadach, ach na fhear‐dèanamh na h‑obrach, bidh an duine seo beannaichte na dhèanadas.
26
Ma shaoileas neach air bith nur measg gu bheil e diadhaidh, gun a bhith a’ cur srèin ra theangaidh, ach a’ mealladh a chridhe fhèin, is dìomhain diadhachd an duine seo.
27
Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo‐shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid, agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 2 →
All chapters:
1
2
3
4
5