bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
James 5
James 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
1
Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.
2
Tha ur saoibhreas air a thruailleadh, agus ur n‑aodach air ithe leis an leòmann.
3
Tha ur n‑òr agus ur n‑airgead air meirgeadh; agus bidh am meirg‐san na fhianais nur n‑aghaidh, agus ithidh i ur feòil mar theine; thaisg sibh ionmhas fa chomhair nan làithean deireannach.
4
Feuch, tha tuarasdal an luchd‐obrach a bhuain sìos ur n‑achaidhean, nì a chumadh uapa leibhse le foill, ag èigheach; agus tha glaodhaich na muinntir a bhuain air dol a‑steach a‑chum cluasan Tighearna nan sluagh.
5
Chaith sibh ur beatha ann an sògh air thalamh, agus bha sibh mear: dh’altraim sibh ur cridheachan, mar ann an là a’ mharbhaidh.
6
Dhìt agus mharbh sibh am fìrean, agus chan eil e a’ cur nur n‑aghaidh.
7
Uime sin, a bhràithrean, bithibh foighidinneach gu teachd an Tighearna. Feuch, feithidh an treabhaiche ri toradh luachmhor na talmhainn, agus fanaidh e gu foighidinneach ris, gus am faigh e an ciad uisge agus an t‑uisge deireannach.
8
Bithibh‐se foighidinneach mar an ceudna; socraichibh ur cridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagas.
9
Na dèanaibh gearan an aghaidh a chèile, a bhràithrean, a‑chum nach dìtear sibh: feuch, tha am Britheamh na sheasamh aig an doras.
10
Gabhaibh, mo bhràithrean, na fàidhean, a labhair ann an ainm an Tighearna, nan eisimpleir air anshocair fhulang, agus air foighidinn.
11
Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò‐chridheach agus tròcaireach.
12
Ach ro na h‑uile nithean, mo bhràithrean, na tugaibh mionnan, aon chuid air nèamh, no air an talamh, no air mionnan sam bith eile: ach guma h‑e ur còmhradh, Seadh, seadh, agus Chan eadh, chan eadh; air eagal gun tuit sibh ann an dìteadh.
13
A bheil neach sam bith fo thrioblaid nur measg? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith subhach? Seinneadh e sailm.
14
A bheil neach sam bith tinn nur measg? Cuireadh e fios air seanairean na h‑eaglais; agus dèanadh iad ùrnaigh os a chionn, ga ungadh le ola ann an ainm an Tighearna:
15
Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad.
16
Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr‐èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.
17
Bu duine Elias aig an robh co‑aigne rinne, agus ghuidh e gu dùrachdach gun uisge a bhith ann: agus cha tàinig uisge air an talamh rè trì bliadhna agus sia mìosan.
18
Agus rinn e ùrnaigh a‑rìs, agus thug nèamh uisge uaithe, agus thug an talamh a‑mach a thoradh.
19
A bhràithrean, ma thèid aon neach agaibhse air seachran on fhìrinn, agus gun iompaich neach e;
20
Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
All chapters:
1
2
3
4
5