bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
James 4
James 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
1
Cia as a tha cogaidhean agus còmhragan a’ teachd nur measg? Nach ann as a seo, eadhon o ur n‑ana‑miannan, a tha a’ cogadh nur buill?
2
Tha sibh a’ miannachadh, agus chan eil agaibh: tha sibh a’ marbhadh, agus a’ dian‐shanntachadh, agus chan eil e an comas dhuibh nì fhaotainn; tha sibh a’ cathachadh agus a’ cogadh, gidheadh chan eil agaibh, do bhrìgh nach eil sibh ag iarraidh.
3
Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana‑miannan.
4
Adhaltranaichean, agus a bhan‐adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.
5
A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil an sgriobtar gu dìomhain a’ labhairt, Tha an spiorad a tha a chòmhnaidh annainn a’ togairt gu farmad?
6
Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.
7
Uime sin ùmhlaichibh sibh fhèin do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh:
8
Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.
9
Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse.
10
Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.
11
Na labhraibh olc mu chèile, a bhràithrean. An tì a tha a’ labhairt uilc ma bhràthair, agus a’ toirt breith air a bhràthair, tha e a’ labhairt uilc mun lagh, agus a’ toirt breith air an lagh: ach ma tha thu a’ toirt breith air an lagh, chan fhear‐coileanaidh an lagha thu, ach britheamh.
12
Tha aon fhear‐tabhairt lagha ann, as urrainn saoradh agus sgrios: cò thusa a tha a’ toirt breith air neach eile?
13
Imichibh a‑nis, sibhse a tha ag ràdh, Thèid sinn an‑diugh no a‑màireach gus a leithid seo de bhaile, agus fanaidh sinn an sin rè bliadhna, agus nì sinn ceannachd, agus gheibh sinn buannachd:
14
Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.
15
An àite gum bu chòir dhuibh a ràdh, Mas toil leis an Tighearna, bidh sinn beò, agus nì sinn seo, no siud.
16
Ach a‑nis tha sibh a’ dèanamh uaille as ur ràiteachas fhèin: is olc gach uile shamhail sin de uaill.
17
Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5