bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
John 14
John 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 15 →
1
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
2
Ann an taigh m’Athar‐sa tha iomadh àite‐còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn‐sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh.
3
Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna.
4
Agus is aithne dhuibh càit a bheil mi a’ dol, agus is aithne dhuibh an t‑slighe.
5
Thubhairt Tòmas ris, A Thighearna, chan eil fhios againn càit a bheil thu a’ dol; agus cionnas a dh’fhaodas eòlas na slighe a bhith againn?
6
Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.
7
Nam b’aithne dhuibh mise, b’aithne dhuibh m’Athair mar an ceudna: agus à seo suas is aithne dhuibh e, agus chunnaic sibh e.
8
Thubhairt Philip ris, A Thighearna foillsich an t‑Athair dhuinne, agus is leòr leinn e.
9
Thubhairt Iosa ris, A bheil mise ùine cho fada maille ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An tì a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair: agus cionnas a tha thu ag ràdh, Foillsich an t‑Athair dhuinn?
10
Nach eil thu a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi a’ labhairt ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan labhairt: ach an t‑Athair, a tha a’ gabhail còmhnaidh annamsa, tha esan a’ dèanamh nan obraichean.
11
Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no, creidibh mi airson nan obraichean fhèin.
12
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam‐sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
13
Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm‐sa, nì mise sin: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac.
14
Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm‐sa, nì mise e.
15
Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan:
16
Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth;
17
Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh.
18
Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh.
19
Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna.
20
Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh‐se.
21
An tì aig a bheil m’àitheantan‐sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
22
Thubhairt Iùdas (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal?
23
Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
24
An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi.
25
Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh:
26
Ach an Comhfhurtair, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm‐sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.
27
Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth‐sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
28
Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar: oir is mò m’Athair na mise.
29
Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh.
30
A seo suas cha labhair mi mòran ribh: oir tha uachdaran an t‑saoghail seo a’ teachd, agus chan eil nì air bith aige annamsa.
31
Ach a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gur ionmhainn leam an t‑Athair; agus mar a thug an t‑Athair àithne dhomh, mar sin tha mi a’ dèanamh. Eiribh, rachamaid à seo.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21