bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
John 15
John 15
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 16 →
1
Is mise an fhìonain fhìor, agus is e m’Athair an treabhaiche.
2
Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.
3
A‑nis tha sibhse glan tre an fhacal a labhair mi ribh.
4
Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa.
5
Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr‐thoradh uaithe; oir as m’eugmhais‐sa chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
6
Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.
7
Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail‐sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh, agus nìthear dhuibh e.
8
An seo tha m’Athair‐sa air a ghlòrachadh, gun toir sibhse mòr‐thoradh uaibh; agus bidh sibh nur deisciobail dhòmhsa.
9
Mar a ghràdhaich an t‑Athair mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse: fanaibh ann am ghràdh‐sa.
10
Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.
11
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum fanadh mo ghàirdeachas annaibh, agus gum biodh ur gàirdeachas‐se làn.
12
Is i seo m’àithne‐sa, gun gràdhaich sibhse a chèile, mar a ghràdhaich mise sibhse.
13
Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.
14
Is sibhse mo chàirdean‐sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.
15
A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.
16
Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh e.
17
Tha mi ag àithneadh nan nithean seo dhuibh, a‑chum gun gràdhaich sibh a chèile.
18
Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh.
19
Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
20
Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur‐leanmhainn ormsa, nì iad geur‐leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal‐sa, coimheadaidh iad ur facal‐se mar an ceudna.
21
Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme‐sa, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi.
22
Mura bithinn‐sa air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chan eil leisgeul am peacaidh aca.
23
An tì aig a bheil fuath dhòmhsa, tha fuath aige dom Athair mar an ceudna.
24
Mura bithinn‐sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair.
25
Ach rinneadh seo a‑chum gun coileante am facal a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar.
26
Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall‐sa.
27
Agus nì sibhse fianais mar an ceudna, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21