bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
John 19
John 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 20 →
1
An sin air an adhbhar sin ghlac Pilat Iosa, agus sgiùrs e e.
2
Agus dh’fhigh na saighdearan crùn droighinn, agus chuir iad air a cheann e, agus chuir iad fallaing phurpair uime,
3
Agus thubhairt iad, Fàilte ort, a rìgh nan Iùdhach! Agus bhuail iad lem basan e.
4
An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
5
An sin thàinig Iosa a‑mach, agus an crùn droighinn air, agus an fhallaing phurpair uime. Agus thubhairt Pilat riu, Feuch an duine!
6
Uime sin, nuair a chunnaic na h‑àrd‐shagartan agus na maoir e, ghlaodh iad, ag ràdh, Ceus e, ceus e. Thubhairt Pilat riu, Gabhaibh‐se e, agus ceusaibh e: oir chan eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
7
Fhreagair na h‑Iùdhaich e, Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha‐ne is còir a chur gu bàs, airson gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.
8
Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, bu mhò a bha a dh’eagal air;
9
Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.
10
An sin thubhairt Pilat ris, Nach labhair thu riumsa? Nach eil fhios agad gu bheil cumhachd agamsa do cheusadh, agus gu bheil cumhachd agam do chur fa sgaoil?
11
Fhreagair Iosa, Cha bhiodh cumhachd air bith agad am aghaidh‐sa, mura tugte dhut on àirde e; air an adhbhar sin an tì a thug mise thairis dhut, tha aigesan am peacadh as mò.
12
Agus o sin suas dh’iarr Pilat a chur fa sgaoil: ach ghlaodh na h‑Iùdhaich, ag ràdh, Ma leigeas tu am fear seo fa sgaoil, cha charaid do Chèasar thu: ge bè neach a tha ga dhèanamh fhèin na rìgh, tha e a’ labhairt an aghaidh Chèasair.
13
Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug e a‑mach Iosa, agus shuidh e air a’ chathair‐bhreitheanais, anns an ionad ris an abrar an Leac‐ùrlar, ach anns an Eabhra, Gabata.
14
Agus b’e là ullachadh na càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire: agus thubhairt e ris an h‑Iùdhaich, Feuch ur rìgh!
15
Ach ghlaodh iadsan a‑mach, Beir uainn, beir uainn, ceus e. Thubhairt Pilat riu, An ceus mi ur rìgh‐se? Fhreagair na h‑àrd‐shagartan, Chan eil rìgh againne ach Cèasar.
16
An sin air an adhbhar sin thug e thairis dhaibh e, gu bhith air a cheusadh. Agus ghlac iad Iosa, agus thug iad leo e.
17
Agus chaidh e a‑mach a’ giùlan a chroinn‐cheusaidh, don ionad den goirear àit a’ chlaiginn, don ainm anns an Eabhra, Golgota.
18
An sin cheus iad e, agus dithis eile maille ris, fear air gach taobh, agus Iosa anns a’ mheadhon.
19
Agus sgrìobh Pilat mar an ceudna tiodal, agus chuir e air a’ chrann‐cheusaidh e. Agus b’e an sgrìobhadh, IOSA O NASARET, RÌGH NAN IÙDHACH.
20
Uime sin leugh mòran de na h‑Iùdhaich an tiodal seo: oir bha an t‑àit anns an do cheusadh Iosa fagas don bhaile: agus bha an sgrìobhadh an Eabhra, an Grèigis, agus an Laidinn.
21
An sin thubhairt àrd‐shagartan nan Iùdhach ri Pilat, Na sgrìobh, Rìgh nan Iùdhach; ach gun dubhairt e fhèin, Is mi rìgh nan Iùdhach.
22
Fhreagair Pilat, An nì a sgrìobh mi, sgrìobh mi e.
23
An sin nuair a cheus na saighdearan Iosa, ghlac iad a thrusgan, (agus rinn iad ceithir earrannan dheth, earrann do gach saighdear), agus a chòta mar an ceudna: agus bha an còta gun fhuaigheal, air fhighe o a bhràigh sìos gu h‑iomlan.
24
Thubhairt iad uime sin eatorra fhèin, Na reubamaid e, ach tilgeamaid croinn air, cò aig a bhios e: a‑chum gun coileante an sgriobtar, a tha ag ràdh, Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus thilg iad croinn air mo bhrat. Air an adhbhar sin rinn na saighdearan na nithean seo.
25
A‑nis sheas làimh ri crann‐ceusaidh Iosa, a mhàthair, agus piuthar a mhàthar, Muire bean Chleophais, agus Muire Magdalen.
26
Uime sin nuair a chunnaic Iosa a mhàthair, agus an deisciobal a b’ionmhainn leis na sheasamh an làthair, thubhairt e ra mhàthair, A bhean, feuch do mhac!
27
An sin thubhairt e ris an deisciobal, Feuch do mhàthair! Agus on àm sin a‑mach thug an deisciobal sin leis i da thaigh fhèin.
28
An dèidh seo air do Iosa fios a bhith aige gu robh na h‑uile nithean a‑nis air an crìochnachadh, a‑chum gun coileante an sgriobtar, thubhairt e, Tha tart orm.
29
A‑nis bha an sin soitheach làn de fhìon‐geur: agus air dhaibhsan spong a lìonadh den fhìon‐gheur, agus a chur air hiosop, shìn iad a‑chum a bheòil e.
30
An sin nuair a ghabh Iosa am fìon‐geur, thubhairt e, Tha e crìochnaichte: agus air cromadh a chinn dha, thug e suas a spiorad.
31
An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann‐cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.
32
An sin thàinig na saighdearan, agus bhris iad luirgnean a’ chiad fhir, agus luirgnean an fhir eile, a cheusadh maille ris.
33
Ach air dhaibh teachd a‑chum Iosa, nuair a chunnaic iad gu robh e cheana marbh, cha do bhris iad a luirgnean‐san.
34
Ach lot fear de na saighdearan a thaobh le sleagh, agus air ball thàinig a‑mach fuil agus uisge.
35
Agus thug an tì a chunnaic sin fianais, agus tha a fhianais fìrinneach: agus tha fhios aige gu bheil e a’ labhairt na fìrinn, a‑chum gun creideadh sibhse.
36
Oir rinneadh na nithean seo a‑chum gun coileante an sgriobtar, Cha bhrisear cnàimh dheth.
37
Agus a‑rìs tha sgriobtar eile ag ràdh, Amhaircidh iad airsan a lot iad.
38
Na dhèidh seo, dh’iarr Iòseph o Arimatèa (a bha na dheisciobal aig Iosa, ach am falach air eagal nan Iùdhach) air Pilat comas corp Iosa a thoirt leis: agus leig Pilat sin leis. Thàinig e air an adhbhar sin, agus thug e leis corp Iosa.
39
Thàinig mar an ceudna Nicodèmus (a thàinig air tùs gu Iosa anns an oidhche), agus thug e leis mu thimcheall ceud punnd de mhirr agus de aloes air am measgadh feadh a chèile.
40
An sin ghabh iad corp Iosa, agus cheangail iad e ann an lìon‐aodaichean, maille ris an spìosraidh, mar as gnàth leis na h‑Iùdhaich adhlacadh a dhèanamh.
41
A‑nis bha lios anns an àite anns an do cheusadh e; agus anns an lios uaigh nuadh, anns nach do chuireadh aon duine riamh.
42
Air an adhbhar sin, airson ullachadh càisg nan Iùdhach, do bhrìgh gu robh an uaigh am fagas, chuir iad Iosa an sin.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21