bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Lamentations 2
Lamentations 2
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
1
Cionnas a tharraing an Tighearna na chorraich neul air nighinn Shioin, agus a thilg e sìos o nèamh gu talamh maise Israeil! Agus cha do chuimhnich e stòl a choise ann an là a fheirge!
2
Shluig an Tighearna suas uile àiteachan‐còmhnaidh Iàcoib, agus cha do ghabh e truas: thilg e sìos na chorraich daingnichean làidir nighean Iùdah: thug e a‑nuas gu làr iad; thruaill e an rìoghachd agus a daoine urramach.
3
Gheàrr e as na dhian‐fheirg adharc Israeil uile; tharraing e air a h‑ais a làmh dheas o aghaidh an nàmhaid; agus loisg e an aghaidh Iàcoib mar theine lasrach a loisgeas air gach taobh.
4
Lùb e a bhogha mar nàmhaid: thog e an àird a làmh dheas mar eascaraid, agus mharbh e na h‑uile òganaich a bha taitneach don t‑sùil; ann am pàillean nighean Shioin thaom e a‑mach a chorraich mar theine.
5
Bha an Tighearna mar nàmhaid: shluig e suas Israel, shluig e suas a àrois uile; sgrios e a dhaingnichean làidir, agus mheudaich e ann an nighean Iùdah bròn agus caoidh.
6
Agus sgaoil e as a chèile a phàillean mar challaid; sgrios e a choitheanal fhèin; leig an Tighearna as aire ann an Sion an àrd‐fhèill agus an t‑sàbaid; agus rinn e tàir, ann an teas a chorraich, air an rìgh agus air an t‑sagart.
7
Chuir an Tighearna air cùl a altair, ghabh e gràin da naomh‐ionad: thug e suas ballachan a h‑àrois do làimh an eascaraid; rinn iad gàir ann an taigh an Tighearna, mar ann an là àrd‐fhèille.
8
Tha an Tighearna fo rùn ballachan nighean Shioin a mhilleadh; shìn e a‑mach sreang, cha do chùm e a làmh o mhilleadh; ach thug e air an daingneach agus air a’ bhalla caoidh; shearg iad as le chèile.
9
Tha a geatachan air dol sìos anns an talamh; mhill agus bhris e a croinn‐dhruididh; tha a rìghrean agus a h‑uachdarain am measg nan cinneach; an lagh chan eil ann; aig a fàidhean fòs chan eil sealladh air bith on Tighearna.
10
Tha seanairean nighean Shioin nan suidhe air an làr, tha iad nan tosd; chuir iad duslach air an ceann: chrioslaich iad iad fhèin le sac‐èideadh: tha òighean Ierusaleim a’ cromadh sìos an cinn gu làr.
11
Tha mo shùilean air fàilneachadh le deòir; tha mo chom fo thrioblaid; dhòirteadh mo sgamhan air an talamh airson lèirsgrios nighean mo shluaigh; a chionn gu bheil a’ chlann bheag agus na naoidheanan a’ fannachadh ann an sràidean na cathrach.
12
Rim màthraichean tha iad ag ràdh, Càit a bheil arbhar agus fìon? An tràth a tha iad a’ fàilneachadh mar dhaoine leònte ann an sràidean a’ bhaile, an tràth a tha an anam air a dhòrtadh a‑mach ann an uchd am màthar.
13
Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh‐nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas?
14
Chunnaic d’fhàidhean nithean dìomhain agus amaideach air do shon, agus cha do leig iad ris d’euceart, a‑chum do bhruid a thilleadh air a h‑ais: ach chunnaic iad air do shon fàistneachd neo‐fhìrinneach, agus adhbhar fògraidh.
15
Tha a mheud is a tha a’ gabhail seachad a’ bualadh am bas riut: tha iad ri sgeig‐fhiacal, agus a’ crathadh an cinn ri nighinn Ierusaleim, ag ràdh, An i seo a’ chathair ri an goirear Foirfeachd maise, Aoibhneas an domhain uile?
16
Dh’fhosgail do naimhdean uile am beul ad aghaidh: rinn iad sgeig is gìosgan fhiacal; thubhairt iad, Shluig sinn suas i; gu cinnteach is e seo an là ri an robh ar sùil: fhuair sinn e, chunnaic sinn e.
17
Rinn an Tighearna an nì sin a dhealbh e; choilean e a fhacal, a dh’àithn e anns na làithean o shean; thilg e sìos, agus cha do ghabh e truas; ach thug e air nàmhaid gàirdeachas a dhèanamh os do chionn, dh’àrdaich e adharc do naimhdean.
18
Dh’èigh an cridhe, Ann an làthair an Tighearna, O bhalla nighean Shioin, sileadh deòir sìos mar shruth a là agus a dh’oidhche: na toir dhut fhèin suaimhneas air bith; na gabhadh clach do shùla fois.
19
Eirich, glaodh gu h‑àrd anns an oidhche: ann an tùs na faire dòirt a‑mach do chridhe mar uisge fa chomhair gnùis Iehòbhah: tog suas do làmhan da ionnsaigh airson anam do chloinne òige, a tha a’ fàilneachadh le acras aig ceann gach aon sràide.
20
Feuch, O Thighearna, agus thoir fa‑near cò ris a bhuin thu mar seo: an ith na mnathan toradh na bronn, naoidheanan maotha? Am marbhar an sagart agus am fàidh ann an ionad naomh an Tighearna?
21
Laigh an t‑òg agus an sean air an làr anns na sràidean: tha m’òighean agus m’òganaich air tuiteam leis a’ chlaidheamh; mharbh thu iad ann an là do chorraich; mharbh thu, agus cha do ghabh thu truas.
22
Ghairm thu, mar air là suidhichte, m’uamhasan air gach taobh, air chor is, air là fearg an Tighearna, nach robh neach ann a chaidh as, no a mhair beò: a’ mhuinntir a thog agus a dh’àraich mi, chuir mo nàmhaid as dhaibh.
← Chapter 1
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 3 →
All chapters:
1
2
3
4
5